
Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheà rr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an à ite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blà r Chorùna san Spà inn ann an 1809.
Ged a chaidh e a Sgoil Chà irinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gà idhlig. Bha bà rdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bà rdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.
Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blà r an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhà rdachd aige a' tarraing air an à m seo de bheatha.
Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhà rdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shà r chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.
Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.
Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Beatha Dhòmhnaill Ruaidh às deidh a' chogaidh
Nuair a thill e dhachaigh às a' chogadh, cha robh aige ach dìreach a bheò-shlaint, dìreach rud sam bith a thigeadh an rathad 's a' gabhail gach latha mar a thigeadh e. Bha e fhèin ag rà dh gu robh an t-slat-iasgaich 's a mhusgaid, gur iad pà irt dhe bheò-shlaint. Cha robh mòran a' dol aige agus smaoinich e gur ann a thogadh e taigh beag. Bha an taigh a' fàs rudeigin mì-choltach agus thog e an taigh, mar a thuirt e fhèin, gu cearbach le là imh.
Agus glè ghoirid dha an taigh a thogail, cò thigeadh mun cuairt ach an dotair, agus thuirt e, "Tha mi a' faicinn gu bheil thu air taigh a thogail." "Tha," arsa Dòmhnall. "O," ars an dotair, "tha e glè mhath, tha e snog." 'S bha sin ceart gu leòr. Glè ghoirid an dèidh sin, fhuair Dòmhnall brath gu robh aige ri dhol air beulaibh dhotairean. Chaidh e a-mach a Loch nam Madadh, 's chaidh e air beulaibh nan dotairean. 'S an ath bhrath a fhuair Dòmhnall, b' e gu robhas a' dol a thoirt bhuaithe na sgillinnean airgid a fhuair e air sà illibh a leòin. Agus mar a thuirt Dòmhnall fhèin an uair sin, "Bha mise ann am poit an rotha a-rithist. Cha robh dad agam, bha mi falamh. Bha mi a' dèanamh beagan de neart às na bha mi a' faighinn de sgillinnean air sà illibh mo leòin ach thugadh bhuam e ann am priobadh na h-aona sùl."
Duine cruaidh dìcheallach, cha robh leithid de rud ri leisg a' gabhail ri chnà mhan idir. Chan fheuchadh e, mar a thuirt e fhèin, "Feuch an t-à rd 's na fà g an t-ìosal, 's gheibh thu rudeigin."
Cha robh ciùird mhòr aige ach clachaireachd agus smaoinich e an uair sin gun tòisicheadh e a' togail thaighean agus bha e a' togail thaighean fhad 's a bha e air chothrom. Tha mi smaoineachadh gun do thog e mu dheich taighean fichead uile anns an dùthaich. B' e duine uabhasach moch-eireach a bh' ann agus an taigh a bhiodh e togail, bhiodh e gu math trà th anns a' mhadainn a' feitheamh uaireannan gus an èireadh an fheadhainn dha robh e a' togail an taighe.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.