
Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheà rr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an à ite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blà r Chorùna san Spà inn ann an 1809.
Ged a chaidh e a Sgoil Chà irinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gà idhlig. Bha bà rdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bà rdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.
Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blà r an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhà rdachd aige a' tarraing air an à m seo de bheatha.
Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhà rdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shà r chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.
Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.
Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Dòmhnall Ruadh ag innse mar a chaidh a leòn sa chogadh
Dòmhnall Ruadh Chorùna: O chaidh mo leòn gu dona, ann an deireadh an Fhoghair ann an 1916, air an Somme.
Fred MacAmhlaidh: 'S ciamar a thachair seo a Dhòmhnaill?
DRC: Bha oidhche uabhasach ann le uisge 's le gaoth 's le dorchadas agus bombardments eagalach ag obair air gach taobh. Fhuair mise òrdan an oidhche sin nuair a chaidh sinn a-staigh dhan trainnse, b' e sin an trainnse uabhasach. Fhuair mi òrdan on a' Chaiptean a dhol a-mach chun an No Man's Land agus post a ghabhail mu fhichead slat bhon drochaid is mu leth cheud slat a-mach bhon trainnse.
Chaidh mi a-mach agus dh'iarr e orm innse dhan a' Chorpailear a bha còmhla rium, dha na bomairean air an drochaid, gille de mhuinntir Eìrinn is Corpailear Donnolley, mi support a ghabhail gu robh mi a' dol a-mach. Agus, cha robh mi ùine sam bith, bha mi ann am bomb hole ann an sin 's uisge is gaoth a'gabhail dhomh agus nuair a thà inig shell, bhuail e ann am balla na drochaid is chuir e steallan dearga teine dhan iarmailt. Thà inig an seo an ath fhear agus bhuail e car eadar mi 's an drochaid. Chuir e cnapan den chrà idh tarsainn orm is ghabh mi seòrsa de dh'eagal ach cha robh math dhomh tilleadh a-staigh, dh' fheumainn seasamh mo ghnothaich a-muigh.
Thà inig an treas fear 's cha robh cuimhn' agams' air a' chòrr. Chuir e suas mi. Thill mi nuas 's chaidh mi dhan an t-sloc, is bha an talamh air mo mhuin is bhruchd an t-uisge, bha leithid de dh'uisge ann fad na h-oidhche.
Bha gille laghach de mhuinntir Thobha mòr, chaidh a mharbhadh a-rithist as a dhèidh sin, 's e an companach a bh' agam – Ruairidh MacLeòid, gille òg. Agus dh'fheuch e a-mach, shnà mh e a-mach air an talamh gus an do rà inig e far an robh Dòmhnall Ruadh agus chunnaic e gun robh Dòmhnall Ruadh air a mharbhadh 's thill e a-staigh. Bha an gille òg bog, gille laghach. Bha e a'caoineadh, ag innse gun do mharbhadh a chompanach agus bha mise suas mu thrì uairean ann an sin anns an t-sloc agus thòisich mi a' tighinn beò. Agus bha mi a'cluich anns an t-sloc ann an sin gu nach robh for agam gu dè bha mi a'dèanamh, is bha mi air a dhèanamh. Cha robh ann ach sloc, mar gum biodh e là n le uachdar, 's e cailc a bh' ann... An t-uisge 's a' chailc air a h-obrachadh is air a dèanamh tana timcheall orm.
Fhuair mi car de mo fhradharc 's dha mo shùil agus chunnaic mi 'n drochaid, is dh'aithnich mi 'n drochaid. 'S thuig mi far an robh mi agus bha mi a' smaoineachadh cò an taobh a bha na gillean againn fhèin ri fhaighinn mur a deidhinn ceà rr agus rinn an drochaid an gnothaich. Chunna mi gur ann an ceann an iar na drochaid a bha iad 's thòisich mi a' tighinn às an t-slòc agus shuidh mi air beulaibh an t-sluic an uair sin 's bha latha air tighinn. Agus dh'fhairich mi brag ris an aghaidh agam mar gum bualadh riut, mar gun dèanamh duine le cuip gig, ach cha do shaoil mi cus dheth anns an à m.
FM: 'S e am peileir a bha seo an e?
DRC: 'S e. Loisg murtair dhiubhsan a bha thall, bha e glè fhaisg orm cuideachd. Bha mi car a' leigeil m'anail ann an sin 's a stuidigeadh gu dè bha mi dol a dhèanamh nuair a thà inig an ath fhear. Thà inig an ath bhrag agus shlaighd mi air ais an còrr mo chasan dhan an t-sloc. Thug mi greis anns an t-sloc ann an sin gam obrachadh fhèin agus thug mi seo an aire ròpan dearga fala air feadh na cailc a bha na mo bheulaibh. Agus sheall mi orm fhèin co às a bha i a' tighinn. Bha mi leòinte anns an taobh co-dhiù leis an shell. Cha b'urrainn dhomh cus a dhèanamh. Bha cnap dheth a-staigh on t-slinnein agam agus bha mo là mh a' slaodadh rium. Chuir e am peileir a bha ann an sin, chuir e tro mo ghà irdean e.
Uill, dh'fhan mi an uair sin, thuig mi an gnothach na b'fheà rr, gu robh e ga mo watchadh 's dh'fhairich mi gus an togadh e aire dhìom. Bha mi greis an sin 's bha suas an uair sin a' ghrian air èiridh. Ach co-dhiù, fhuair mi a dhol air an t-snà mh a-nall 's shnà mh mi air an talamh a-nall air mo shocair fad an t-siubhal gus an do nochd mi ris na gillean 's thòisich iad air èigheachd rium an uair sin mi gabhail a' ghnothaich air mo shocair 's cumail sìos gus an deach mi car ma char sìos dhan an trannsa far an robh iad.
Bha mi ann an sin gus an d'fhuairear grèim air stretcher bearers. Fhuair mi an uair sin air adhart 's bha mi dòigheil gu leòr. Bha mi cola-deug aig a' bhase thall mus an do bhleadraig iad mo chur a-null, bha mi cho meadhanach.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.