
Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheà rr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an à ite san deach a thogail agus a reir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blà r Chorùna san Spà inn ann an 1809.
Ged a chaidh e a Sgoil Chà irinis, cha do dh'ionnsaich Dòmhnall a-riamh sgrìobhadh ann an Gà idhlig. Bha bà rdachd san teaghlach agus thòisich e fhèin ri bà rdachd is rannaigheachd nuair a bha e 13 bliadhna.
Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blà r an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhà rdachd aige a' tarraing air an à m seo de bheatha.
Air ais ann an Uibhist, phòs e Anna NicDhòmhnaill ann an 1922 agus bha dithis chloinne aca. A thuilleadh air a bhà rdachd, choisinn e cliù dha fhèin mar shà r chlachair agus mar shealgair a bha air leth sgileil.
Chaochail Dòmhnall air an 13mh den Lùnastal 1967.
Tha cuimhneachan an-diugh ri fhaicinn aig uaigh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Fred MacAmhlaidh a' toirt dealbh air nà dar Dhòmhnaill
Ma tha thu a' bruidhinn air a nà dar, duine air leth toilichte na chrannchar. Agus là n dibhearsain, rabhd, spòrs agus mar a tha fhios agad, chaill e tòrr dheth ri linn a' chogaidh agus thug e bliadhnaichean mòra, mòra mus d'fhuair e an taobh sin de nà dar air ais.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.