Taghadh à lèirmheas a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Dòmhnall Ruadh Chorùna, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacLeòid, D. I. (Am Foghar 1969) Dòmhnall Ruadh Chorùna, Òrain is Dà in le Dòmhnall Dòmhnallach à Uibhist a Tuath.
Gairm, 68, td. 371

"Tha a-nise leabhar eile againn nach cuir dorradas air mòran – "Dòmhnall Ruadh Chorùna," bà rdachd cho tlachdmhor, inntinneach 's a leugh mi o chionn ghreis.
'S e an Cogadh an toiseach a dh'fhad spiorad a' bhà ird an Dòmhnall Ruadh. Bha e 27 nuair a thogadh e a Chogadh a' Cheusair: eadras sin is 1920 (7 bliadhna) rinn e dusan òran anns a bheil e cur an cèill na chaidh e troimhe fad nam bliadhnaichean deuchainneach sin.
Cha tug an Cogadh cumadh ùr air a bhà rdachd mar a thachair do Iain Rothach. Cha mhotha na sin a tha teagamh aige san adhbhar anns a bheil e sabaid no a tha co-fhaireachdainn aige ri nà imhdean mar a bh'aig Wilfred Owen is, gu ìre, aig Murchadh Moireach is T. D. MacDhòmhnaill. Ach cha tuirt sin gur e bà rdachd brosnachaidh a rinn e mar a rinn Iain Ruadh Stiùbhart, Mac Mhaighstir Alasdair is leithid Rupert Brooke: tha Dòmhnall Ruadh a' dèanamh dealbh dhuinn air teothad na sabaid is air dulangas is faireachdainnean nan saighdeir...
Tha cuid a bhà ird Ghà idhlig a bhios a' dèanamh òran dìreach airson gu bheil an nà baidhean measail air an eirmseachd beòil. Bidh iad seo – o Dhonnchadh Bà n gu Bà rd Phaisley – a' tarraing air repertoire à raidh de chuspairean: moladh nan urracha mòra, à bhachd mu bhainnsean is eile, cà ineadh, moladh an à ite dham buin iad. Bidh cuid eile dèanamh dhà n gus faochadh a thoirt do leòn cridhe, feadhainn mar Uilleam MacCoinnich Chnoc Chùsbaig agus leannan Ailein Duinn. B' ann den dara seòrsa seo a bha Dòmhnall Ruadh Chorùna, a thaobh gur e uallaichean a' Chogaidh a rinn bà rd dheth, ach tha aon rud à raidh a tha ga chomharrachadhsan a-mach o chà ch. 'S e sin, aon uair 's gun do dh'ionnsaich an Cogadh dha aig aois 27 gu robh comasan bà ird aige, chùm e air ri bà rdachd; nuair a thill e às a' Chogadh, cha robh faireachdainnean a chridhe dian gu leòr tuilleadh gu bhith nan cuspair bà rdachd is, mar sin, stiall e air cur-seachadan nam bà rd-baile...
Tha na h-òrain seo cho math ri gin a chuala mi riamh, gu h-à raidh an fheadhainn èibhinn. Tha sùil a' bhà ird a' ruith air sgrìob fharsaing – tha e ag aotromas mu "Mhotor Boat Heisgeir" (a' sealltainn snas a bheòil le dealbh air an einnsean) agus "Rocaid nan Ameireaganach," mu chor na dùthcha is mu "Cheit Nic Uisdein." 'S e spòrs as motha tha fa-near dha nuair a tha e mach air innealan ùra is gnothaichean an t-saoghail...
Bho 1920 gu faisg air deireadh a bheatha, bha Dòmhnall Ruadh na nà dar de poet laureate. Ach, sa bhà rdachd mu dheireadh a rinn e tha e tilleadh a-rithist gu bhith dealbhachadh a chridhe fhèin. Rinn feadhainn de na seann bhà ird – mar Donnchadh Bà n – seo, ach cha robh an sin, mar bu trice, ach smuainteachadh aig nach robh mòran stèidh nan co-fhaireachdainn. Cha b'e sin do Dhòmhnall Ruadh e...
B'e "An Eala Bhà n" an aon fhear de òrain Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna air an robh aithne aig mòran ron seo: tha sinn fada an comain Seonaidh Ailig Mac-a-Phearsain is Fred MacAmhlaidh airson an cruinneachadh snasail seo a chur fa ar comhair. Tha an dà chuid lìomhadh is doimhne am bà rdachd Dhòmhnaill Ruaidh: ma tha duine airson bà rdachd san t-seann nòs Ghà idhlig fhaicinn aig a h-à ine, chan eil dol às aige ach an leabhar taitneach seo a cheannach."
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Iain Dòmhnallach a' toirt sùil air cuid de na dà in a sgrìobh am bà rd
'S ann Ă Uibhist a tha mise agus cluinnidh sibh iomradh anns an ath bhĂ rdachd air Eabhal, a' bheinn as Ă irde an Uibhist a Tuath. Chan eil innte ach mu aon cheud deug troigh ach chan eil bad dhen eilean Ă s nach faic sibh i.
Tha e nà darra gum biodh taobh aig duine ri bà rdachd às a' chearn aige fhèin agus 's e Dòmhnall Ruadh Chorùna a rinn an ath rud a th'agam. Tha corra bhà rd air a bhith an Uibhist a Tuath eadar Gille na Ciotaig is Ruaraidh MacAoidh, eadar Eardsaidh 'Illeasbaig is Aonghais Lachlain, ach tha mi a' creidsinn gur e An Eala Bhà n aig Dòmhnall Ruadh an t-òran as ainmeile a thà inig à Uibhist a-riamh.
Chan e am fear sin a tha th'agam an-drà sta idir ge-tà , ach òran a tha a' tòiseachadh Nam bithinn mar eun... Tha am bà rd anns a' chogadh mhòr anns an Fhraing agus aire air eilean fhèin. Nam b'urrainn dha, dh'fhalbhadh e air an iteig 's cha stadadh e gus an laigheadh e air beanntan Uibhist - grinn 's cho snasail, mar a bha obair Dhòmhnaill Ruaidh daonnan.
Chan eil sgeul air Dòmhnall Ruadh an-diugh na fiù 's air an taigh a bh'aige an Corùna, ged a tha carragh-cuimhne far a bheil e air a thiodhlacadh. An dèidh sin, bidh cuimhne air Dòmhnall Ruadh fhad 's a bhios Gà idhlig an Uibhist.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.