A rèir choltais, rinn Iain Ruadh Stiùbhart, a bha na oifigeach ann an arm a' Phrionnsa Teà rlaich, na h-òrain 'Latha Chuil-Lodair', 'Òran Eile air Latha Chuil-Lodair' agus 'Ùrnaigh Iain Ruaidh' goirid às dèidh a' bhlà ir. Tha sin agus an t-eòlas a tha aige an dà chuid air a' bhatal fhèin agus air an t-suidheachadh san fharsaingeachd a' toirt neart à raidh dhan bhà rdachd seo, mar gum b' eadh a' toirt dhuinn sealladh air a' chùis on taobh a-staigh.
A bharrachd air luach nan òran mar fhianais air tachartas eachdraidheil, ge-tà , 's e cuideachd bà rd sgileil a tha ann an Stiùbhart, a tha comasach air e fhèin a chur an cèill tro chainnt dhrùidhteach, rannaigheachd cheòlmhor agus ìomhaighean cruthachail.
Bha iomadach cuspair aige
Bha iomadach cuspair aige agus ma choimheadas sinn air a' bhà rdachd a tha e air mairsinn chun an latha an-diugh, tha a h-uile seòrsa rud aige. µþà °ù»å²¹³¦³ó»å, cuid de bhà rdachd aig ìre glè à rd, cumhachan is òrain molaidh, agus òrain a tha aig ìre nach eil cho à rd, mar tha òrain seilg is òrain òil. Ach tha mi a' creidsinn gur e fear dhe na h-òrain as cumhachdaiche a rinn e, 's e Cumha Bhan-Tighearna Mhic-an-Toisich. Agus tha e uabhasach cumhachdach, 's tha mi creidsinn gu bheil e aig ìre glè à rd.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.