
Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gà idhlig agus na Gà idhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.
Chuir e eòlas air bà rdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.
Cheumnaich e le Urram ann an Cà nan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dà rna Cogadh.
Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blà r El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.
An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhrà ighe san Eilean Sgitheanach.
Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhà rdachd. Nochd na dà in aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhà rdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dà in do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).
Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nà iseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Ã’ir na Bà nrigh airson µþà °ù»å²¹³¦³ó»å ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nà iseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.
Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
An tà lant a bh' ann an teaghlach Shomhairle
Bha an teaghlach againn glè là n de bheul-aithris, gu h-à raidh air seann òrain. Agus 's e mà thair m'athar, Mà iri Nighean Ic Sheumais Ic Dhòmhnaill Ruaidh a chanadh iad rithe, Mà iri NicMhathain. Rugadh ise air an taobh sear dhen Eilean Sgitheanach. Bha na daoine aice air tighinn à Loch Aillse, ceithir ginealaich ron an linn sa. Agus an uair sin bha iad san sgoil faisg air Port Rìgh agus mu dheireadh anns A' Bhrà ighe. Bha ise là n sheann òrain.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.