
Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gà idhlig agus na Gà idhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.
Chuir e eòlas air bà rdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.
Cheumnaich e le Urram ann an Cà nan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dà rna Cogadh.
Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blà r El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.
An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhrà ighe san Eilean Sgitheanach.
Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhà rdachd. Nochd na dà in aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhà rdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dà in do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).
Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nà iseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Ã’ir na Bà nrigh airson µþà °ù»å²¹³¦³ó»å ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nà iseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.
Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Am bà rd ag innse cho ceòlmhor sa bha e
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cluas agam airson, mar gun canadh duine, rithim ach chan eil cluas mhath sam bith agam airson rud ris an canar pitch. Chan eil fhios agamsa am faod an dà rud a bhith às aonais a chèile, ach tha'd ag rà dh nach seinneadh Burns, cha sheinneadh Teà rlach a' Phosta, cha sheinneadh Yates, cha sheinneadh Tennyson, tha e coltach gu seinneadh Uilleam Ros anabarrach math agus tha e glè dhoirbh a rà dh, ach o chionn nach eil sin agam, an dà chuid, chan eil mi cinnteach asam fhein. Ach tha mi smaoineachadh gu bheil cluas agam airson rithim gu h-à raidh agus airson fuaim nam faclan. Agus tha mi smaoineachadh gur e rud mìorbhaileach a th' ann an òran Ghà idhlig. Mar a tha fuaim a' chiùil agus fuaim nam faclan a' dol an cuideachd cho tric. Smaoinich sibh air an òran mu dheireadh aig Uilleam Ros - Somhairle ag aithris bà rdachd Uilleam Rois.
Nise, tha rud nam inntinn-sa mar gum biodh an rud ag èirigh, an fhuaim fhèin ag èirigh agus gu faodadh duine cha mhòr "sound poem" a dhèanamh dhen rud de na faclan idir.
Cuideachd tha daoine mar Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair - Somhairle ag aithris bà rdachd Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Tha mise a' smaoineachadh ge bith dè bhuaidh a th' aig cead-fà than air an cur an cèill am bà rdachd,'s e a' bhuaidh a th' aige air a chluais a' bhuaidh as cumhachdaiche dhòmhsa co-dhiù.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.