
Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gà idhlig agus na Gà idhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.
Chuir e eòlas air bà rdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.
Cheumnaich e le Urram ann an Cà nan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dà rna Cogadh.
Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blà r El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.
An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhrà ighe san Eilean Sgitheanach.
Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhà rdachd. Nochd na dà in aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhà rdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dà in do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).
Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nà iseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Ã’ir na Bà nrigh airson µþà °ù»å²¹³¦³ó»å ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nà iseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.
Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Somhairle ag innse mun ghaol a bh' aige air bà rdachd
Bha mi an còmhnaidh glè dhèidheil air bà rdachd, a' chiad bhà rdachd, na dà in gun urra anns a' Ghà idhlig. A' chuid mhor, chuala mi bho mo sheanmhair agus bho dhaoine eile cuideachd. Bha Aonghas, brà thair mo mhà thar, bha e math, math. Bha mi a' leughadh mòran bà rdachd ann an sgoil Phort Rìgh ach cha robh e a' tighinn seachad air toiseach na ficheadamh linne. Ach bha mi a' leughadh mòran dhomh fhìn agus bà rd Frangach coltach ri Baudelaire nam measg.
An uair sin chaidh mi a Dhùn Èideann agus ged a bha Grierson cho ainmeil air an fheadhainn ris an canar na Metaphysicals, bha e cuideachd anabarrach math air bà rdachd Bheurla na naoidheamh linne deug.
Mà rtainn Dòmhnallach: Seo Grierson, an t-Ollamh?
Somhairle MacGill-Eain: 'S e. Blake, Wordsworth, Shelley agus Keats. Bha mi glè dhèidheil air cuid de Tennyson agus air Browning ach nuair a chaidh mi a Dhùn Èideann cha robh dad aig na h-oileanaich ach Elliot is Pound agus aig feadhainn dhiubh, Gerald Manley Hopkins. Nise, 'o nach robh coltas obair ann an Gà idhlig, cha do ghabh mi mar gun chanadh tu Honours Gà idhlig ach ghabh mi an clas Gà idhlig. Bha mi roimhe sin air leughadh mòran coltach ri Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus Donnchadh Bà n agus Uilleam Ros agus mòran de na bà ird Ghà idhlig.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.