Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Roghainn
- Choisich mi cuide ri mo thuigse
- a muigh ri taobh a' chuain;
- bha sinn còmhla ach bha ise
- a' fuireach tiotan bhuam.
- An sin thionndaidh i ag rà dha:
- a bheil e fìor gun cual'
- thu gu bheil do ghaol geal à lainn
- a' pòsadh trà th Diluain?
- Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh
- 'nam bhroilleach reubte luath
- is thubhairt mi: tha mi cinnteach;
- carson bu bhreug e bhuam?
- Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
- an rionnag leugach ò¾±°ù,
- gun beirinn oirre 's gun cuirinn i
- gu ciallach 'na mo phòc?
- Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
- an è¾±²µ¾±²Ô²Ô chruaidh na Spà inn
- is ciamar sin bhiodh dùil agam
- ri aon duais ùir an dà in?
- Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
- bheag ìosal thioram ³Ù³ó±ôà ³Ù³ó,
- is ciamar sin a choinnichinn
- ri beithir-theine ²µ³ó°ùà ¾±»å³ó?
An Roghainn
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
