Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrÏobhadh mun bhà rdachd aig Somhairle MacGill-Eain, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (An Geamhradh 1977-78) Reothairt is Contraigh, taghadh de dhaÏn 1932-72, le Somhairle MacGill-Eain.
Gairm, 101, td. 94

"Dhe na 71 dĂ in a th' anns an leabhar, sgrĂŹobhadh 55 ro 1945, agus 16 bhon uair sin. Tha an cruinneachadh seo a' toirt beachd cothromach don leughadair air saothair a' bhĂ ird, agus is math gu bheil e ri fhaotainn a-nis. ChĂŹ sinn gur h-e prĂŹomh chuspairean na bĂ rdachd aige, na faireachdainnean aige fhèin (gu h-Ă raidh fo bhuaidh a' ghaoil), eachdraidh, agus poilitigs, agus uaireannan tha na cuspairean sin gu lèir air an snĂŹomh ri chèile ann an dòigh a tha glè sgileil is lĂ n Ăšidhe. Bha mòran de na dĂ in air an sgrĂŹobhadh nuair a bha Cogadh na SpĂ inne a' dol, air neo Ăšr an cuimhne dhaoine, 's dh'fhĂ g sin lĂ rach air a' bhĂ rdachd, mar a dh'fhĂ g beachdan Co-mhaoineach is NĂ iseantach cuideachd. Tha na beachdan as daingne anns an taghadh seo, ach tha iad ann an sin fhathast, ged is ann air na Sòisealaich as motha bhios McGill-Eain a' leigeil a thaic an-diugh â no 's dòcha gur h-ann a tha feadhainn eile a' cur sin air a mhanadh. Poilitigs ann no Ă s, tha mòran de dheagh bhĂ rdachd an seo, agus 's e sin an rud a sheasas.
Saoilidh mi gur e adhbhar duilgheadais a th' ann nach do dh'fhà g MacGill-Eain an ruith-dhà n "Dà in do Eimhir" slà n mar a bha e. Tha e air còig air fichead de na dà in a bh' anns a' chiad ruith-dhà n (1943) a thoirt dhuinn an seo, agus trÏ eile a bhuineadh dha ach a chaidh an clò an toiseach an Lines 34, agus tha e air ceithir air fhichead fhà gail à s. Gun teagamh, bha mòran dhiubh sin goirid... agus bha feadhainn eile ann nach buineadh gu coileanta don ruith-dhà n...
Togaidh an taghadh seo, agus an t-òrdugh a th' air, mòran cheistean am measg eòlaichean, 's cha mhiste sinn sin. Agus tha Dà in do Eimhir ann fhathast, gu tilleadh thuca nuair a theirgeas an t-annas."
Caimbeul Hay, D. (An t-Earrach 1978) Do Shomhairle MacIlleathain.
Gairm, 102, td. 157
MacThòmais, R. (An Geamhradh 1990) O Choille gu Bearradh.
Gairm, 150, td186

"..dearbhadh dhuinn aon uair eile, gur h-e na dà in gaoil a rinneadh o chionn leth-cheud bliadhna as prÏseile fhathast. Sin an fheadhainn a mhaireas, agus do na h-eòlaich co-dhiÚ mairidh iad anns a' chruth a bh'orra ann an 1943. Cha bu chòir seo a bhith na bhriseadh dÚil no na adhbhar dragh don bhà rd. Cha do sgrÏobh Burns facal nach robh sgrÏobhte aige mus robh e ochd-deug air fhichead, 's tha deagh chuimhne air fhathast."
Meek, D. E. (2002) An Aghaigh na SĂŹorraidheachd?
BĂ ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh CrĂŹosdail ann an Ă Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na GĂ idhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis
"Cho luath 's a thogas duine an cuspair seo â na bĂ ird agus an creideamh CrĂŹosdail anns an fhicheadamh linn â bidh an luchd-èisteachd, no cuid mhath dhiubh co-dhiĂš, buailteach a bhith a' smaoineachadh nach robh bĂ ird na ficheadamh linn, agus gu h-Ă raidh na baĂŹrd a bhios a' cleachdadh nua-bhĂ rdachd, a' dèanamh sĂŹon ach a' cĂ ineadh na h-eaglaise, agus bidh iad buailteach cuideachd a bhith a' smaointeachadh gur e rud Ăšr a tha an sin, rud a tha coimheach agus air taobh a-muigh crĂŹochan an dualchais...
Gun teagamh, tha MacGill-Eain a' togail casaid an aghaidh na h-eaglaise, ach 's e a tha ga bhioradh nach do thog an eagalis a guth an aghaidh aintighearnas is sà rachadh an t-sluaigh. 'S e an t-anam agus an spiorad an aon rud a b' fhiach don eaglais. Ach chan eil sin co-ionann ri bhith a' cur na sgine ann an cridhe a' chreideimh. 'S e tagradh an aghaidh anaceartas a tha anns an dà n seo (Ban-Ghà idheal). Gheibhear an aon seòrsa seallaidh 's tha aig MacGill-Eain ann an "diadhachd na saorsa), 's e sin liberation theology, mar a their sinn ris an-diugh. Thà inig an diadhachd sin gu aire dhaoine ann an Ameireaga a Deas agus ann an Afraga anns an dara leth den fhicheadamh linn, agus gu h-à raidh anns an dualchas Chaitligeach. Dh'fhaodamaid a' Bhan-Ghà idheal aig MacGill-Eain ath-chruthachadh mar bhean à Ecuador, no à Soweto...
Feumaidh sinn na linntean a dh'fhalbh a thoirt fa-near, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sealladh a tha againn air an là an-diugh cothromach. Tha barrachd cothromachaidh anns an dealbh mhòr na bhios cuid ag aideachadh. Ma chuireas sinn gach dà n air leth leis fhèin, bidh sinn buailteach a bhith a' tighinn gu co-dhÚnadh a rèir sealladh a' bhà ird anns an dearbh mhionaid anns an do rinn e /i an dà n sin. Ma dhÏochuimhnicheas sinn na beachdan a bhios an clò aig na bà ird ann an rosg a bharrachd air dà n, bidh an dealbh a' sÏor fhàs nas cumhainge. Mar eisimpleir, tha sinn uile glè eòlach air "Ban-Gà idheal" MhicGill-Eain, ach a bheil sinn cho eòlach air a' mholadh a bha aige air na searmonaichean cumhachdadh a chuala e na òige ann an Ratharsair, no air an dòigh anns an do dh'atharraich a bheachdan rè nam bliadhnachan air a' bhuaidh a bha aig creud chumhang nan Saor Chlèireach air dualchas na Gà idhlig anns an eilean sin agus air feadh na Gà idhealtachd?"
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Diofar chuimhneachain air Somhairle bhon phrògram Eòrpa
Patsi NicCoinnich: Air mo chĂšlaibh, chĂŹ sibh Eilean Ratharsaidh far an do rugadh 's an do thogadh Somhairle MacGill-Eain. Bha Somhairle ainmeil mar sĂ r bhĂ rd na GĂ idhlig, ach cha b' ann dĂŹreach ann an Alba a bha meas air an sgrĂŹobhadh aige. Sgaoil a chliĂš mar bhĂ rd agus chaidh na dĂ in aige an eadar-theangachadh gu iomadh cĂ nan Eòrpach. A' toirt Ăorpa gu crĂŹch a-nochd le bhith a' toirt sĂšil air a bheatha agus a bhuaidh air litreachas, seo Aonghas PĂ draig Caimbeul...
Aonghas Pà draig Caimbeul: Tha e iomchaidh gur e an gaol a' cheist mhòr a bh' aig Somhairle MacGill-Eain anns an dà n sin oir b' e gaol a bha ann an teis mheadhan a bheatha agus a bhà rdachd. Cha b' e an gaol a thig agus a dh'fhalbhas mar oiteag gaoithe, ach an gaol a mhaireas, grà dh dÚthcha, grà dh dualchais agus grà dh cridhe. Saoil nach e an grà dh cridhe a tha sin a tha a' bà thadh gach dleastanais eile a tha romhainn a dh' fhà g Somhairle na shà r bhà rd Eòrpach.
Iain Mac a' Ghobhainn: Nam bheachd fhèin 's e a' bhà rdachd as fheà rr a sgrÏobh e a-riamh, an leabhar ud a fhuair mi ann an Sgoil Mhic Neacail bliadhnaichean mòra air ais, Dà in do Eimhir. 'S e sin na h-òrain gaoil agus bha mi a' smaoineachadh a-riamh nach eil bà rd ann coltach ris air a' Ghà idhealtachd no ann an à ite sam bith eile airson òrain gaoil. Is bha mise ag rà dh glè thric, gu robh e cho à rd ann ann òrain gaoil ri Catullus no Yates no duine sam bith coltach ris an sin. Agus chanainn-sa gu bheil an cliÚ aige mar bhà rd mÏorbhaileach agus rud a chòrd rium fhèin mu dheidhinn, cha do sgrÏobh e mòran aig an deireadh idir agus tha mi smaoineachadh gur e rud math a bha sin. Cha robh e airson cà il a sgrÏobhadh ach rud a bha a' tighinn bhon a' chridhe aige, tha mi a' smaoineachadh.
Seumas Heaney: He was a kind of a rampart, to use one of his own images and you feel that some rampart has fallen and the whole fabric has been a bit shaken. I personally have a great sense of honour and gratitude just for knowing him, because I think all of us are helped if we are alive at the same time as a great figure like Somhairle Maclean. It's easier for us to trust in the utter reality of poetry, trust in it as a necessity because you feel it's verfied by somebody like him. He saved Gaelic poetry, you could say he did, so Sorely did, in this century and therefore in a sense, saved it for all time.
Aonghas PĂ draig Caimbeul: Rugadh Somhairle ann an Ratharsair ann an naoi ceud deug 's a h-aon deug. Chaidh e a dh' Ă rd sgoil Phort RĂŹgh ann am fichead 's a h-aon agus a dh'Oilthigh DhĂšn Ăideann ann am fichead 's a naoi.
Uilleam MacGillIosa: Cha chreid mi nach do dh' fhosgail iomadh doras ron sgoilear òg a bha a' dol dha na h-oilthighean aig an à m sin, trà th anns na deich thar fhicheadan, mar a chanas tu. Bha farsaingeachd ann an saoghal litreachais na Beurla gu mòr, agus bha gluasadan mòra a' dol ann an saoghal poilitigs na h-Eòrpa agus rudan mar sin. Agus bha thu na b' fhaisge air an sin, air cridhe a' ghnothaich nam biodh tu anns an oilthigh aig an à m sin. Bha faireachdainn ann gu faodadh daoine atharrachaidhean a dhèanamh air an t-saoghal agus dh' fharaicheadh tu mar sin gu robh e na do chomas a bhith a' gabhail pà irt anns na gluasadan mòra a bha sin agus tha mi là n chinnteach gun do dh' fhairich Somhairle na dearbh rudan a bha an sin.
Aonghas Pà draig Caimbeul: Agus 's ann aig an Ïre seo, anns na tricheadan, leis an Roinn Eòrpa air las le brÚidealachd nam facists a rinn Somhairle MacGill-Eain an obair mhòr a thug dha cliÚ mar bhà rd eadar-nà iseanta.
Antonio Givero: Tha na chruthaich agus na chuir Somhairle MacGill-Eain an dà n mu chogadh na Spà inne uabhasach fhèin inntinneach. Tha e eadar-dhealaichte seach bà ird eile air a' chuspair, mar eisimpleir na bà ird a thà inig dhan Spà inn. Cha b' urrainn dha fhèin tighinn, bha a chosnadh a' cur bacadh air agus bha sin na adhbhar èiginn dha. Agus gluais sin e An Spà inn a ghabhail mar cheann-chuspair a-nochd ann an dusan de na dà in aige. Tha sinn a' faicinn èiginn-sa: Am fan mi? Am falbh mi? Ach cha b' urrainn dha falbh air sgà th adhbharan pearsanta agus lean a theagamh-sa, dh' fhaodadh e a bhith air tachairt ach cha do thachair e. Lean seo ris fad a bheatha.
Aonghas Pà draig Caimbeul: Chaidh a lèon san dà rna cogadh agus an dèidh greis anns an ospadal, thill e a theagaisg nuair a chrÏochnaich an cogadh sin. Bha e air a bhith a' teagaisg greis ann am Muile far an deach a shà rachadh leis mar a thachair dhan eilean à lainn sin air sgà th nam fuadaichean...
Bha e a' teagaisg cuideachd ann an DĂšn Ăideann agus mu dheireadh anns A' Phloc, far an robh e na Mhaighstir-sgoile. Chan e a-mhĂ in gu faiceadh e an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsaidh Ă s an sin, ach cuideachd iomain air an robh e a' cheart cho dèidheil.
Tha beagan is fichead bliadhna bhon a thachair mi fhèin ri Somhairle an toiseach is mi nam oileanach ann an DĂšn Ăideann. Leugh e mo chuid bhĂ rdachd agus a-riamh bhon uair sin, chan eil cĂ il nach thuirt e nach do chuidich mi. Bha an sĂ r bhĂ rd ro dheònach ginealachan eile a mhisneachadh.
Aonghas Dubh: Bha còig bliadhna fichead an-dèidh dhan an leabhar aige DĂ in do Eimhir a thighinn a-mach an toiseach mus faca mise sealladh air a' bhĂ rdachd aig Somhairle. Bha i a-mach Ă clò bho chionn iomadh bliadhna, ach nuair a chunnaic mi a' chiad shealladh oirre is chan ann dhen leabhar ach air pĂŹosan pĂ ipeir rhoneo ann an colaiste ann an Glaschu, rinn i dĂšsgadh mhòr dhomh. Tha mi smaointinn gu robh daoine eile a' tighinn thuige aig an aon Ă m. Bha iomadh bliadhna ann a bha e dĂŹreach na ainm dhuinn, ach bha grunn againn a thĂ inig a-mach caran mun an aon Ă m mar bhĂ ird. Mi-fhèin, clann 'IcGumaraid, Mòrag is CatrĂŹona, Maoilios Caimbeul â ceithir Sgitheanaich. Bha feadhainn eile ri bĂ rdachd cuideachd ach b' e sinne mar gum biodh a' chiad ghinealach a thĂ inig Ă s ath-bheothachadh Shomhairle. Bha e mar a thuirt mi, sĂ mhach. Cha robh guth ri fhaicinn, ri chluinntinn mu dheidhinn a bhĂ rdachd ach gu robh an leithid ann. Ach nuair a chunnaic sinn i, 's thĂ inig an uair sin thĂ inig leabhraichean a-mach, thĂ inig Four Points of a Saltire is an uair sin thĂ inig cruinneachaidhean dhen bhĂ rdachd, rinn e ath-chraoladh orra agus chunnaic sinn anns an fharsaingeachd dè an seòrsa bĂ ird mĂŹorbhaileach a bh' ann.
Aonghas Dòmhnallach: Bha Úidh mhòr aig Somhairle ann an ceòl pÏoba, ach gu h-à raidh ann an ceòl mòr. Leis gu robh eòlas cho farsaing is cho domhainn aig Somhairle air ceòl Gà idhealach, bha e a' tuigsinn cho cudromach is a bha ceòl mòr dha na Gà idheil agus dha ar dualchas. Bha brà thair Shomhairle na phÏobaire agus bha seinneadairean gu leòr anns an teaghlach, agus ged a chanadh Somhairle fhèin nach seinneadh e òran, creid thusa gu robh na foinn aige.
Tha cuimhne agamsa a bhith ann an Ăirinn còmhla ris uair agus mi a' cluich ceòl mòr agus gun fhiosda dhomh fhèin chaidh mi dheth agus gu port eile. Agus anns a' bhad, chunnaic mi gun do thuig Somhairle agus chan e idir gun do thuig e, ach bha fios aige dè am port a bha mi a' cluich cuideachd.
Aonghas Pà draig Caimbeul: Nuair a bhà saich a bhrà thair Calum agus e cho òg, sgrÏobh Somhairle cumha dha...
Tha sin mar sheòrsa de mhac-talla air Hallaig far an tug am bĂ rd Somhairle MacGill-Eain an guth air ais dha na ginealachan a dh'fhalbh. Agus aig deireadh an latha, is dòcha gur e sin obair is dĂŹleab a' bhĂ ird, a bhith na fhear-labhairt dha dhaoine fhèin â faireachdainnean a chur ann am briathran agus an uair sin sin a leigeil ma sgaoil air feadh an t-saoghail mhòir.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂéśšÉç Š 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lĂŹn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.