Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Somhairle MacGill-Eain, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (An Geamhradh 1977-78) Reothairt is Contraigh, taghadh de dhaìn 1932-72, le Somhairle MacGill-Eain.
Gairm, 101, td. 94

"Dhe na 71 dà in a th' anns an leabhar, sgrìobhadh 55 ro 1945, agus 16 bhon uair sin. Tha an cruinneachadh seo a' toirt beachd cothromach don leughadair air saothair a' bhà ird, agus is math gu bheil e ri fhaotainn a-nis. Chì sinn gur h-e prìomh chuspairean na bà rdachd aige, na faireachdainnean aige fhèin (gu h-à raidh fo bhuaidh a' ghaoil), eachdraidh, agus poilitigs, agus uaireannan tha na cuspairean sin gu lèir air an snìomh ri chèile ann an dòigh a tha glè sgileil is là n ùidhe. Bha mòran de na dà in air an sgrìobhadh nuair a bha Cogadh na Spà inne a' dol, air neo ùr an cuimhne dhaoine, 's dh'fhà g sin là rach air a' bhà rdachd, mar a dh'fhà g beachdan Co-mhaoineach is Nà iseantach cuideachd. Tha na beachdan as daingne anns an taghadh seo, ach tha iad ann an sin fhathast, ged is ann air na Sòisealaich as motha bhios McGill-Eain a' leigeil a thaic an-diugh – no 's dòcha gur h-ann a tha feadhainn eile a' cur sin air a mhanadh. Poilitigs ann no à s, tha mòran de dheagh bhà rdachd an seo, agus 's e sin an rud a sheasas.
Saoilidh mi gur e adhbhar duilgheadais a th' ann nach do dh'fhà g MacGill-Eain an ruith-dhà n "Dà in do Eimhir" slà n mar a bha e. Tha e air còig air fichead de na dà in a bh' anns a' chiad ruith-dhà n (1943) a thoirt dhuinn an seo, agus trì eile a bhuineadh dha ach a chaidh an clò an toiseach an Lines 34, agus tha e air ceithir air fhichead fhà gail à s. Gun teagamh, bha mòran dhiubh sin goirid... agus bha feadhainn eile ann nach buineadh gu coileanta don ruith-dhà n...
Togaidh an taghadh seo, agus an t-òrdugh a th' air, mòran cheistean am measg eòlaichean, 's cha mhiste sinn sin. Agus tha Dà in do Eimhir ann fhathast, gu tilleadh thuca nuair a theirgeas an t-annas."
Caimbeul Hay, D. (An t-Earrach 1978) Do Shomhairle MacIlleathain.
Gairm, 102, td. 157
MacThòmais, R. (An Geamhradh 1990) O Choille gu Bearradh.
Gairm, 150, td186

"..dearbhadh dhuinn aon uair eile, gur h-e na dà in gaoil a rinneadh o chionn leth-cheud bliadhna as prìseile fhathast. Sin an fheadhainn a mhaireas, agus do na h-eòlaich co-dhiù mairidh iad anns a' chruth a bh'orra ann an 1943. Cha bu chòir seo a bhith na bhriseadh dùil no na adhbhar dragh don bhà rd. Cha do sgrìobh Burns facal nach robh sgrìobhte aige mus robh e ochd-deug air fhichead, 's tha deagh chuimhne air fhathast."
Meek, D. E. (2002) An Aghaigh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis
"Cho luath 's a thogas duine an cuspair seo – na bà ird agus an creideamh Crìosdail anns an fhicheadamh linn – bidh an luchd-èisteachd, no cuid mhath dhiubh co-dhiù, buailteach a bhith a' smaoineachadh nach robh bà ird na ficheadamh linn, agus gu h-à raidh na baìrd a bhios a' cleachdadh nua-bhà rdachd, a' dèanamh sìon ach a' cà ineadh na h-eaglaise, agus bidh iad buailteach cuideachd a bhith a' smaointeachadh gur e rud ùr a tha an sin, rud a tha coimheach agus air taobh a-muigh crìochan an dualchais...
Gun teagamh, tha MacGill-Eain a' togail casaid an aghaidh na h-eaglaise, ach 's e a tha ga bhioradh nach do thog an eagalis a guth an aghaidh aintighearnas is sà rachadh an t-sluaigh. 'S e an t-anam agus an spiorad an aon rud a b' fhiach don eaglais. Ach chan eil sin co-ionann ri bhith a' cur na sgine ann an cridhe a' chreideimh. 'S e tagradh an aghaidh anaceartas a tha anns an dà n seo (Ban-Ghà idheal). Gheibhear an aon seòrsa seallaidh 's tha aig MacGill-Eain ann an "diadhachd na saorsa), 's e sin liberation theology, mar a their sinn ris an-diugh. Thà inig an diadhachd sin gu aire dhaoine ann an Ameireaga a Deas agus ann an Afraga anns an dara leth den fhicheadamh linn, agus gu h-à raidh anns an dualchas Chaitligeach. Dh'fhaodamaid a' Bhan-Ghà idheal aig MacGill-Eain ath-chruthachadh mar bhean à Ecuador, no à Soweto...
Feumaidh sinn na linntean a dh'fhalbh a thoirt fa-near, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sealladh a tha againn air an là an-diugh cothromach. Tha barrachd cothromachaidh anns an dealbh mhòr na bhios cuid ag aideachadh. Ma chuireas sinn gach dà n air leth leis fhèin, bidh sinn buailteach a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir sealladh a' bhà ird anns an dearbh mhionaid anns an do rinn e /i an dà n sin. Ma dhìochuimhnicheas sinn na beachdan a bhios an clò aig na bà ird ann an rosg a bharrachd air dà n, bidh an dealbh a' sìor fhàs nas cumhainge. Mar eisimpleir, tha sinn uile glè eòlach air "Ban-Gà idheal" MhicGill-Eain, ach a bheil sinn cho eòlach air a' mholadh a bha aige air na searmonaichean cumhachdadh a chuala e na òige ann an Ratharsair, no air an dòigh anns an do dh'atharraich a bheachdan rè nam bliadhnachan air a' bhuaidh a bha aig creud chumhang nan Saor Chlèireach air dualchas na Gà idhlig anns an eilean sin agus air feadh na Gà idhealtachd?"
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Aonghas MacNeacail le beachd air obair Shomhairle
'S e chanainn gu dearbha gu robh buaidh aig Somhairle orm greis mhòr mus do leugh mi a bhà rdachd. Bha an t-ainm air leithid do chliù a chosnadh fada, fada mus robh bhà rdachd ri lorg. Bha iomadh bliadhana nuair nach robh a' bhà rdachd ri faotainn, bha i a-mach à clò. Gu dearbha, a' chiad sealladh a fhuair mi dhen bhà rdachd aige, bha mi anns na speuran.
Thuig mi gu robh bà rd mìorbhaileach againn ann an Gà idhlig ach bà rd mìorbhaileach a bha beò san latha an-diugh ann an Gà idhlig, agus do bhà rd òg coltach rium fhìn aig an à m, 's e rud eagalach cudromach a bha sin oir cha do smaoinich mise air sgrìobhadh ann an Gà idhlig an toiseach, 's ann ann am Beurla a bha mi a' sgriobhadh airson's gu robh mi airson saoghal mòr farsaing a ruigheachd. Ach tro bhà rdachd Shomhairle agus an fheadhainn a thà inig às a dhèidh, chunnaic mi gu robh dualchas beò againn fhathast agus gu faodainn fhìn pà irt a ghabhail ann agus bha e eagalach cudromach dhomh.
Martainn Dòmhnallach: Anns an fharsaingeachd, Aonghais, dè an seòrsa buaidh a tha thu a' smaoineachadh a tha air a bhith aig an obair aig Somhairle agus an t-seòrsa cliù a fhuair e, air saoghal na Gà idhlig?
Aonghas MacNeacail: Mar a thuirt mi, bha a chliu air tighinn gu mo leithid-sa fada, fada mus robh sinn air a' bhà rdachd fhaicinn agus tha sin a' sealltainn rudeigin mu dheidhinn, gu robh an leabhar a bha siud a thà inig a-mach mu à m a' chogaidh agus a bha a-muigh airson beagan bhliadhnaichean, gun mhair a chliù agus gun sgaoil a chliù a-mach gu mòr gun fiù 's daoine a' faicinn a chuid bhà rdachd. Ach nuair a fhuair sinn cothrom air fhaicinn, 's e bà rd buileach neo-à bhaisteach a th' ann an Somhairle oir ann an aon seagh 's e bà rd gu tur eadar-nà iseanta a th' ann.
Bha e a' sgrìobhadh bà rdachd ron chogadh mhòr mu dheireadh a bha a' nochdadh ann an dòigh, cho fad 's as fhios dhòmhsa, ann an dòigh nach robh duine sam bith eile a' tuigsinn. Bha e a' nochdadh cho nà imhdeil 's cho nimheil 's a bha na rudan a bha a' tachairt san Roinn Eòrpa 's bha e an sàs ann am poilitigs na Roinn Eòrpa gu daingeann aig an à m sin. Ach aig an aon à m, tha là n fhèill aig leithid Shomhairle air an-dè, bruidhnidh e air na seann là ithean, bruidhnidh e air eachdraidh, dìreach air dualchas nan Gà idheal ann am farsaingeachd le eòlas mionaideach nach aithne dhòmhsa an leithid. 'S e rud gu tur, eadar-dhealaichte, gu tur sònraichte a tha sin, saoilidh mise.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.