'S e a' bhà rdachd a rinn e anns na 1930an agus na 1940an, agus a nochd anns an leabhar Dà in do Eimhir ann an 1943, a' chuid as ainmeile de bhà rdachd Shomhairle MhicGill-Eain, ged a bha e beò agus a' sgrìobhadh bà rdachd airson iomadh bliadhna às dèidh sin. Bha buaidh mhòr aig bà rdachd MhicGill-Eain air bà ird agus sgrìobhaichean eile sa Ghà idhlig às a dhèidh.
'S e bà rdachd gaoil as mhotha a tha ann an Dà in do Eimhir ach tha i glè eadar-dhealaichte on bhà rdachd gaoil a bha cumanta sa Ghà idhlig ron an sin. Bha ùidh mhòr aig MacGill-Eain ann am poilitigs. Bha taobh aige ri Comhaoineas agus bha staid nan daoine bochda san dùthaich seo a' dèanamh dragh dha agus cuideachd cor nan saighdearan a bha a' cogadh an aghaidh an t-Seanalair Franco ann an Cogadh Sìobhalta na Spà inn. Tha na rudan sin a' tighinn a-steach gu mòr sa bhà rdachd gaoil aige oir bha e a' faireachdainn gun robh an dà rud sin, gaol agus dleastanas, a' tighinn còmhla na bheatha agus gun robh e air a tharraing eatarra. 'S ann mun chòmhstri sin a tha tòrr dhen bhà rdachd as fheà rr aige.
Tha MacGill-Eain uaireannan a' dèiligeadh ri cuspairean eile cuideachd, ge-tà , mar nà dar na bà rdachd, dualchas agus eachdraidh na Gà idhealtachd. Tha e cuideachd a' togail air cor Alba agus na Roinn Eòrpa gu lèir, agus cuspairean poilitigeach mar bochdainn, creideamh agus cogadh.
Bha MacGill-Eain eòlach agus glè mheasail air na seann òrain gaoil Ghà idhlig agus tha faireachdainn dian mar sin anns a' bhà rdachd gaoil aige fhèin. Bha buaidh aig litreachas Beurla air cuideachd, an dà chuid litreachas an latha aige fhèin (Hugh MacDiarmid agus Ezra Pound, mar eisimpleir) agus seann litreachas mar obair nam bà rd san 17mh linn ris an canar na 'Metaphysicals' (John Donne agus a leithid). 'S e seo an seòrsa bà rdachd a bha fasanta aig an à m a bha MacGill-Eain san oilthigh.
Tha e mar as trice a' cleachdadh rannaigheachd thraidiseanta, le comhardadh, ach chan eil e idir ga cleachdadh ann an dòigh theann agus tha tòrr 'ceòl' na bhà rdachd.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na bhà rdachd: 's e fear de na chiad bhà ird Ghà idhlig a rinn sin.
Ag innse mu a shuidheachadh aig à m an dara cogaidh
Bha mi a' teagaisg ann an Dùn Èideann an uair sin agus 's ann anns na bliadhnaichean sin eadar Munich agus toiseach a' chogaidh mhòir a b'fhaisg a bha mi air a bhith nam Chomannach. Cha robh mi buileach, cha robh mi cinnteach buileach. Ach nuair a thòisich an Cogadh Mòr anns an t-Sultain, dh'iarr mi air Comataidh Foghlaim Dhùn Èideann mo leigeil à s, gu robh mi dol dhan arm agus gu robh mi ag iarraidh a dhol dhan an airm choise. Agus thuirt iad, duine sam bith a bha na thidsear, gu feumadh e fuireach gus an tigeadh iarraidh air a dhol dhan arm no nach fhaigheadh e dad de phà igheadh tidseir. Agus bha seo doirbh dhòmhsa. Bha gnothaichean mo theaghlaich cho dona 's a bha iad a-riamh.
'S an uair sin nuair a thà inig Sultain na bliadhna naoi deug agus dà fhichead, chaidh mo ghairm dhan arm. Agus thuirt mi gu robh mi son a dhol a-staigh dhan arm choise agus gu h-à raidh dha na Camshronaich - seòrsa de dh'amaideas anns na daoine againn. Oh, thuirt e, aig an à m seo, daoine dhed aois-sa agus dhed ionnsachadh, feumaidh sibh a dhol dha na Signals,'s ann a nì sibh barrachd feum.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.