'S e a' bhà rdachd a rinn e anns na 1930an agus na 1940an, agus a nochd anns an leabhar Dà in do Eimhir ann an 1943, a' chuid as ainmeile de bhà rdachd Shomhairle MhicGill-Eain, ged a bha e beò agus a' sgrìobhadh bà rdachd airson iomadh bliadhna às dèidh sin. Bha buaidh mhòr aig bà rdachd MhicGill-Eain air bà ird agus sgrìobhaichean eile sa Ghà idhlig às a dhèidh.
'S e bà rdachd gaoil as mhotha a tha ann an Dà in do Eimhir ach tha i glè eadar-dhealaichte on bhà rdachd gaoil a bha cumanta sa Ghà idhlig ron an sin. Bha ùidh mhòr aig MacGill-Eain ann am poilitigs. Bha taobh aige ri Comhaoineas agus bha staid nan daoine bochda san dùthaich seo a' dèanamh dragh dha agus cuideachd cor nan saighdearan a bha a' cogadh an aghaidh an t-Seanalair Franco ann an Cogadh Sìobhalta na Spà inn. Tha na rudan sin a' tighinn a-steach gu mòr sa bhà rdachd gaoil aige oir bha e a' faireachdainn gun robh an dà rud sin, gaol agus dleastanas, a' tighinn còmhla na bheatha agus gun robh e air a tharraing eatarra. 'S ann mun chòmhstri sin a tha tòrr dhen bhà rdachd as fheà rr aige.
Tha MacGill-Eain uaireannan a' dèiligeadh ri cuspairean eile cuideachd, ge-tà , mar nà dar na bà rdachd, dualchas agus eachdraidh na Gà idhealtachd. Tha e cuideachd a' togail air cor Alba agus na Roinn Eòrpa gu lèir, agus cuspairean poilitigeach mar bochdainn, creideamh agus cogadh.
Bha MacGill-Eain eòlach agus glè mheasail air na seann òrain gaoil Ghà idhlig agus tha faireachdainn dian mar sin anns a' bhà rdachd gaoil aige fhèin. Bha buaidh aig litreachas Beurla air cuideachd, an dà chuid litreachas an latha aige fhèin (Hugh MacDiarmid agus Ezra Pound, mar eisimpleir) agus seann litreachas mar obair nam bà rd san 17mh linn ris an canar na 'Metaphysicals' (John Donne agus a leithid). 'S e seo an seòrsa bà rdachd a bha fasanta aig an à m a bha MacGill-Eain san oilthigh.
Tha e mar as trice a' cleachdadh rannaigheachd thraidiseanta, le comhardadh, ach chan eil e idir ga cleachdadh ann an dòigh theann agus tha tòrr 'ceòl' na bhà rdachd.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na bhà rdachd: 's e fear de na chiad bhà ird Ghà idhlig a rinn sin.
A' bruidhinn mu phoilitigs na Spà inn agus a roghainn
Anns a' bhliadhna naoi deug agus sia deug thar fhichead, thòisich an cogadh, cogadh na Spà inne. Agus bha caraid ainmeil agam, bha e a' teagaisg Beurla. Duine cho còir ris na choinnich mi a-riamh, fear Iain Stiùbhart à Laggan. Bha e na thidsear mìorbhaileach oir bha beachdan là idir, là idir poilitigeach aige, agus thuirt e riumsa, thèid sinn dhan Spà inn. Bha daoine a' dol às Alba 's às mòran à iteachan san Roinn Eòrpa a chogadh air taobh an fheadhainn ris an canar An International Brigade. Nise, tha mi cinnteach gum bithinn air a dhol ann còmhla ris ach bha rudan glè dhoirbh san teaghlach againn aig an à m a dh'adhbhraich nach b'urrainn dhomh dhol ann. Tha mi smaoineachadh gu robh rudan san teaghlach aigesan cuideachd ach chan eil mi cinnteach. Cha deach sinn ann ach bha e a' cur air mo chuimhseas.
Bliadhna as dèidh sin choinnich mi ri ban Èireannach. Bha fear de na cà irdean a b'fheà rr a bh' agam a-riamh - chan eil e beò a-nise – thuig mi gu robh e fhèin airson a pòsadh. Nise, b' e a' bhliadhna sin, naoi deug agus seachd deug air fhichead, bliadhna as dèidh na bruidhinn mu a dhol dhan Spà inn agus feumaidh mi a rà dha gu robh mi, uill, nach do ruighinn-sa rachainn-sa eadar esan agus ise. Bha mi gu tur ceà rr mu dheidhinn.
Ach bliadhna no dhà as dèidh sin, beagan as dèidh Munich - agus bha Munich anns an t-Sultain naoi deug agus ochd deug air fhichead - bha mi an uair sin glè ìosal. Bha dùil agam gu robh na Fasgaich a' dol a thoirt buaidh air an Roinn Eòrpa agus eadar Munich agus toiseach a' chogaidh, bha mi glè ìosal. Agus thuirt mi rium fhèin, nam biodh roghainn dhìreach agam, agus nach robh ceangalan teaghlaich agam mar a bh' agam dà bhliadhna gu leth no trì bliadhna ron sin, gum bithinn air a' bhan Èireannach a chur air thoiseach air cogadh na Spà inne. Agus ri linn sin, bha mòran a' smaoineachadh gur ise a chùm on Spà inn mi ach cha b' i. 'S e gnothaichean ar teaghlaich a bh' ann agus bha iad glè dhoirbh dhòmhsa aig an à m.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.