'S e a' bhà rdachd a rinn e anns na 1930an agus na 1940an, agus a nochd anns an leabhar Dà in do Eimhir ann an 1943, a' chuid as ainmeile de bhà rdachd Shomhairle MhicGill-Eain, ged a bha e beò agus a' sgrìobhadh bà rdachd airson iomadh bliadhna às dèidh sin. Bha buaidh mhòr aig bà rdachd MhicGill-Eain air bà ird agus sgrìobhaichean eile sa Ghà idhlig às a dhèidh.
'S e bà rdachd gaoil as mhotha a tha ann an Dà in do Eimhir ach tha i glè eadar-dhealaichte on bhà rdachd gaoil a bha cumanta sa Ghà idhlig ron an sin. Bha ùidh mhòr aig MacGill-Eain ann am poilitigs. Bha taobh aige ri Comhaoineas agus bha staid nan daoine bochda san dùthaich seo a' dèanamh dragh dha agus cuideachd cor nan saighdearan a bha a' cogadh an aghaidh an t-Seanalair Franco ann an Cogadh Sìobhalta na Spà inn. Tha na rudan sin a' tighinn a-steach gu mòr sa bhà rdachd gaoil aige oir bha e a' faireachdainn gun robh an dà rud sin, gaol agus dleastanas, a' tighinn còmhla na bheatha agus gun robh e air a tharraing eatarra. 'S ann mun chòmhstri sin a tha tòrr dhen bhà rdachd as fheà rr aige.
Tha MacGill-Eain uaireannan a' dèiligeadh ri cuspairean eile cuideachd, ge-tà , mar nà dar na bà rdachd, dualchas agus eachdraidh na Gà idhealtachd. Tha e cuideachd a' togail air cor Alba agus na Roinn Eòrpa gu lèir, agus cuspairean poilitigeach mar bochdainn, creideamh agus cogadh.
Bha MacGill-Eain eòlach agus glè mheasail air na seann òrain gaoil Ghà idhlig agus tha faireachdainn dian mar sin anns a' bhà rdachd gaoil aige fhèin. Bha buaidh aig litreachas Beurla air cuideachd, an dà chuid litreachas an latha aige fhèin (Hugh MacDiarmid agus Ezra Pound, mar eisimpleir) agus seann litreachas mar obair nam bà rd san 17mh linn ris an canar na 'Metaphysicals' (John Donne agus a leithid). 'S e seo an seòrsa bà rdachd a bha fasanta aig an à m a bha MacGill-Eain san oilthigh.
Tha e mar as trice a' cleachdadh rannaigheachd thraidiseanta, le comhardadh, ach chan eil e idir ga cleachdadh ann an dòigh theann agus tha tòrr 'ceòl' na bhà rdachd.
Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na bhà rdachd: 's e fear de na chiad bhà ird Ghà idhlig a rinn sin.
An ceangal eadar bà rdachd is òrain
'S e am pòsadh no an colamadh a tha eadar ceòl agus bà rdachd ann am mòran de na seann òrain Ghà idhlig, gu h-à raidh na h-òrain a rinneadh eadar meadhan na siathamh linne deug agus deireadh na h-ochdamh linne deug. 'S iadsan an rud as fheà rr leamsa dhen a h-uile ann an ealain nan Gà idheal, ged a tha feadhainn a' smaoineachadh gur e cuid dhen a' cheòl mhòr as òirdheirce.
Bha mi a' smaoineachadh gu robh còir aig an dà n, an dà n a b'fheà rr a bhiodh ann, gu robh còir aige rud a rà dh nach gabhadh a rà dha. No co-dhiù gu robh còir aige dhol glè fhaisg air an rud nach gabhadh a rà dha. Agus, o choinn gu robh mi dhen bheachd sin, bhuail na dà in lireach aig Uisdean MacDhiarmaid no Crìsdean Mac a' Ghrèidheir orm gu sònraichte. Ach cha robh buaidh aca air mo bhà rdachd fhèin oir bha iadsan ar leamsa ag rà dh rud nach gabhadh a rà dh agus cha b'urrainn duine leantainn as an dèidh.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.