còmhla ris an Urr Donnchadh MacLeòid
Còmhla ris an Urr Donnchadh MacLeòid, Eaglais Shaor Dhòrnaich 2012. Gaelic religious service from 2012 conducted by Rev Duncan MacLeod, Dornoch Free Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 119: 41-42 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Salm 16: 5-7 air fonn London New agus ‘s e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chaoil.
Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 3: 14-20
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 3: 20
Rugadh an t-Urr Donnchadh MacLeòid ann an Cà rlabhagh ann an 1954. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Chà rlabhaigh, ann an Sgoil MhicNeacail agus ann an Oilthigh Obar Dheathain mus deach e a-steach airson na ministrealachd.
Na òige ann an Cà rlabhagh, 's e glè bheag de Bheurla a bh' aige. Ri chuimhne fhèin, 's e na ciad fhacail Bheurla a thuirt e nuair a bha e anns an sgoil, "Please Miss, may I leave the room?"
Bha, agus tha, ùidh mhòr aig Donnchadh anns a' chà nan agus anns a' chultar agus 's e obair neach-teagaisg Gà idhlig a' chiad obair a bh' aige às dèidh ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain. Bha e a' teagasg airson ùine an Uibhist ann an sgoiltean Dhalabroig agus Phaibeil. Chaidh Donnchadh air ais dhan cholaiste ann an 1980 - an turas seo gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd ministeir a thoirt a-mach.
Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1983 ann am Bun Ilidh agus bha e an sin gu 1996 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Pheairt, far an robh e airson mu chòig bliadhna deug. Ann an 2011 chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhòrnaich. Bha e cuideachd airson deich bliadhna na fhear-deasachaidh air Colbh Ghà idhlig iris mhìosail na h-eaglaise, The Monthly Record.
Tha ùidh mhòr mhòr aige ann am ball-coise agus gu sònraichte ann an sgioba ball-coise Partick Thistle.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Sun 29 Apr 2012 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Apr 2012 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Apr 2026 21:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal