09/12/2012
Còmhla ris an Urr Donnchadh MacLeòid, Eaglais Shaor Dhòrnaich Gaelic religious service conducted by Rev Duncan MacLeod, Dornoch Free Church.
Ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee, os cionn na seinn an t-Urramach Niall Seathach le taic cho Choitheanalan Eaglais Leòdhais agus na Hearadh air a chlà radh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 89: 15-16 air fonn Torwood, os cionn na seinn tha Alasdair MacLeòid le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Shnìsoirt.
Salm 09: 1-2 air fonn Montrose, os cionn na seinn tha Iain Murchadh Mà rtainn le taic bho Luchd seinn nan sailm nuair a bha iad air chuairt ann an Cathair-eaglais Poll a' Ghrùthain.
Leughadh: Marcus 10: 46-52
Ceann teagaisg: Marcus 10: 51-52.
Last on
More episodes
Previous
An t-Urramach Donnchadh MacLeòid
Rugadh an t-Urr Donnchadh MacLeòid ann an Cà rlabhagh ann an 1954. Chaidh oideachadh ann am Bun Sgoil Chà rlabhaigh, Sgoil MhicNeacail agus Oilthigh Obar Dheathain mus deach e a-steach airson na ministrealachd.
Na òige ann an Cà rlabhagh, 's e glè bheag do Bheurla a bh’aige – na chuimhne fhèin 's e na ciad fhacail Beurla a thuirt e nuair a bha e anns an sgoil “please Miss may I leave the room?�.
Bha agus tha ùidh mhòr aig Donnchadh anns a' chà nan agus anns a' chultar agus 's e obair neach teagaisg Gà idhlig a' chiad obair a bh’aige as dèidh ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain. Bha e a' teagaisg son ùine ann an sgoiltean Uibhist, ann an Dalabrog agus ann an Paibeil. Chaidh Donnchadh air ais dhan Cholaiste ann an 1980 – an turas seo gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire son dreuchd ministeir a thoirt a-mach.
Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1983 ann am Bun Illidh agus bha e an sin gu 1996 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Pheairt far an robh e airson mu chòig bliadhna deug. Ann an 2011 chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhòrnaich.  Bha Mgr MacLeoid cuideachd airson deich bliadhna na fhir deasachaidh na Colbh Ghaidhlig air an iris mhìosail “Monthly Record�.
Bha agus tha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball coise agus gu sònraichte ann an sgioba bhall coise Partick Thistle - tha e pòsta aig Mòrag à Scalpaigh agus tha triùir theaghlach aca.
Broadcasts
- Sun 9 Dec 2012 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Dec 2012 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Sep 2013 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Sep 2013 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal