12/04/2015
Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Tha sinn a' cluinntinn mun t-soitheach Gearmailteach 'The Pinquin' a chaidh a chur fodha san d脿rna cogadh le triur Scalpach agus ochdnar Le貌dhasach air b貌rd.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 821
Duration: 04:59
Litir 821: Am Pinguin
Chaidh tri霉ir 脿 Eilean beag Sgalpaigh 鈥� agus ochdnar 脿 Le貌dhas 鈥� a mharbhadh nuair a chaidh soitheach Gearmailteach a chur fodha anns an D脿rna Cogadh. Tha an eachdraidh air leth duilich, ach bha iad nam pr矛osanaich aig na Gearmailtich air b貌rd soitheach air an robh 鈥楶inguin鈥� mar ainm. Bha am Pinguin na shoitheach-cealgach 鈥� long-cogaidh a bha a鈥� toirt a鈥� chreidsinn gur e soitheach-carago a bh鈥� innte.
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Ged a bha am Pinguin a鈥� coimhead coltach ri soitheach-carago, bha i l脿n armachd. Bha sia gunnaichean m貌ra (ceud gu leth m矛lemeatair) oirre, ceithir gunnaichean an aghaidh itealain, d脿 thi霉b airson toirpeadan, d脿 itealan bheag agus na ceudan de mh猫innean-mara. Ach bha an armachd gu l猫ir a-mach 脿 sealladh. Bha na gunnaichean air an c貌mhdachadh le siotaichean iarainn air cliathaich an t-soithich.
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Chan e sin a-mh脿in, ach bhite a鈥� toirt a鈥� chreidsinn gun do bhuin am Pinguin do dh霉thaich eile. Bhiodh i a鈥� cur suas bratach Ghearmailteach d矛reach nuair a bha i deiseil gus ionnsaigh a thoirt air soitheach eile. Agus bha comharraidhean Feachd R矛oghail an Adhair air na h-itealain aice, a鈥� toirt a鈥� chreidsinn gun robh iad Breatannach. Bha i airidh air a h-ainm 鈥� 鈥榮oitheach-cealgach鈥�!
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Tr脿th sa chogadh, chaidh iarraidh air an sgiobair am Pinguin a thoirt gu ceann a deas a鈥� Chuain Siar, don Chuan Innseanach agus timcheall costa Astr脿ilia. Bha riaghaltas na Gearmailt ag iarraidh cron a dh猫anamh air luingeas Breatannach anns na ce脿rnaidhean sin. Agus, eadar na soithichean-cealgach agus na b脿taichean-aiginn anns a鈥� Chuan Siar, bha iad gu math soirbheachail anns a鈥� chiad d脿 bhliadhna dhen chogadh ann a bhith a鈥� cur luingeas Breatannach fodha. B鈥� e am Pinguin an soitheach-cealgach a bu shoirbheachaile aca.
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Anns an L霉nastal naoi ceud deug is ceathrad (1940) lorg am Pinguin an tancair 鈥楤ritish Commander鈥� faisg air ceann a deas Afraga. Bhuail i sligean innte agus thug caiptean a鈥� Bhritish Commander an t-貌rdugh an soitheach a thr猫igsinn. Chuir am Pinguin an tancair fodha, thog i an criudha agus dh鈥檉halbh i ag astar. Thachair a leithid sin iomadach turas.
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Corra uair cha robh aice ri ionnsaigh a thoirt. Anns an D霉bhlachd naoi ceud deug is ceathrad (1940), ghabh i thairis an cabhlach Nirribheach a bha an s脿s ann an sealg nam mucan-mara far South Georgia. Cha do loisg i slige sam bith orra.
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Leis gun robh am Pinguin cho soirbheachail, aig amannan bha na ceudan de phr矛osanaich-cogaidh air b貌rd oirre. Bha fios aig na Breatannaich, nan cuireadh iad fodha i, gum faigheadh se貌ladairean Breatannach b脿s. Ach cha robh roghainn aca. Bha i a鈥� d猫anamh uiread de sgrios 鈥檚 gun robh aca ri a cur fodha.
聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽聽 Th脿inig an deireadh air an ochdamh latha dhen Ch猫itean, naoi ceud deug, ceathrad 鈥檚 a h-aon (1941), nuair a bha HMS Cornwall an t貌ir oirre. Bha am Pinguin a鈥� toirt a鈥� chreidsinn gur e soitheach-carag貌 Nirribheach a bh鈥� innte. Mu dheireadh, thog i bratach Ghearmailteach agus loisg i air a鈥� Chornwall. Bhuail slige bhon Chornwall ann an st貌ras armachd a鈥� Phinguin agus spreadh i. Taobh a-staigh beagan diogan bha i air a dhol fodha. Chaill c貌rr is tr矛 cheud Gearmailteach am beatha, agus c貌rr is d脿 cheud pr矛osanach-cogaidh. Nam measg bha aon duine deug 脿 Le貌dhas agus Sgalpaigh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
nuair a bha HMS Cornwall an t貌ir oirre: when HMS Cornwall was in pursuit of her.
Broadcasts
- Sun 12 Apr 2015 22:32麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 15 Apr 2015 23:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.