Episode 4
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghrà mair Gà idhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghà idhlig, a' mìneachadh dà phuing grà mair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gà idhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba sa phrògram.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. Each week he meets up with a learner to find out about their learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and Âé¶¹Éç archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 4
Duration: 55:51
-
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Duration: 01:48
-
Tar-sgrìobhadh: Maureen an Afraga a Deas
Duration: 01:23
-
Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne
Duration: 02:52
Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne: Gà idhlig nan Caoidheach
Seumas: Bha mi airson an dualchainnt a chlà radh airson na ginealaich a tha ri teachd.
Agus le bhith a' dèanamh sin, bha mi an dùil 's an dòchas gun d' rachadh agam air an dualchainnt a chumail beò, gu ìre air choireigin.
Gun d' rachadh aig daoine a bha ag iarraidh sin a dhèanamh, an dualchainnt ionnsachadh às an leabhar agus a cumail beò nan cainnt là itheil.
Calum: Ciamar a tha an dualchainnt an-diugh? A bheil mòran ga bruidhinn fhathast?
Seumas: Chan eil mòran air fhà gail an-diugh gu mì-fhortanach, chan eil mòran air fhà gail, glè bheag de dhaoine air fhà gail a bhruidhneas an dualchainnt sin.
Mar sin, bha e uabhasach cudromach an obair sin a dhèanamh airson dìreach clà r cheart a dhèanamh dhen dualchainnt airson a h-uile duine a tha ri teachd, agus a h-uile duine a bha airson ionnsachadh.
Calum: Carson a chrìon an dualchainnt cho mòr? Carson nach eil daoine ann a tha ga bruidhinn?
Seumas: Uill tha mi a' creids' gun robh buaidh mhòr aig na fuadaichean air staid na cà nain an seo - no na ruagaidhean a chanadh iad an seo an à ite fuadaichean.
Gun robh buaidh mhòr aige sin air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd, 's gun do chaill tòrr dhaoine am misneachd, agus am misneachd a thaobh dualchas agus cà nan.
Fìor dhroch bhuaidh aig na sgoiltean air Gà idhlig san sgìre.
Na daoine ris an do bhruidhinn mise, cha d' fhuair iad cothrom Gà idhlig ionnsachadh san sgoil, agus a' mhòr-chuid aca, bha a' Ghà idhlig air a toirmeasg dhaibh anns an sgoil.
Cha robh cead aca GÃ idhlig a bhruidhinn taobh a-staigh na sgoile.
Agus às dèidh bliadhnaichean mar sin, mar as trice às dèidh dhaibh tighinn a-mach às an sgoil, a' mhòr-chuid aca cha b' urrainn dhaibh a' Ghà idhlig a bhruidhinn tuilleadh.
Bha iad fhathast comasach air a' Ghà idhlig a thuigsinn, ach cha robh iad comasach air a' Ghà idhlig a bhruidhinn.
Bhiodh iad a' dol dhachaigh bhon sgoil, agus a' bruidhinn Beurla ris na pà rantan aca.'S ged a chumadh iadsan orra a' bruidhinn Gà idhlig, chumadh a' chlann orra a' bruidhinn Beurla.
Rinn cuid de na pà rantan oidhirp mhòr airson a' Ghà idhlig a chumail a' dol. Tha cuimhne agam boireannach a bhith ag innse dhomh nuair a thigeadh i dhachaigh às an sgoil a' bruidhinn Beurla gun canadh a h-athair rithe "na bi a' bruidhinn amaideachd san taigh seo!"
Calum: Dè na seòrsa rudan a tha a’ nochdadh anns an dualchainnt nach eil ann an dualchainntean eile? Dè na faclan a tha iad a’ cleachdadh an seo?
Seumas: Oh uill, leithid de rud ri "strianach", 's e sin a chanas iad an à ite broc, agus nuair a bhios tu a' dol dhan leabaidh air an oidhche, bidh iad ag rà dh "cadal an strianaich dhut", gun caidil thu gu math.
An à ite bà ta, 's e "culaidh" mar a bu trice a chanadh iad. An à ite crùbag, "rudhag". An à ite ùrlar, no là r, "iùrlar".
An à ite nighean no caileag, "irinneag". An à ite, ciamar a tha thu?, "Cionnas a tha thu?" 'S e sin a chanas iad gu nà darrach anns an dualchainnt tha seo.
Agus far an canadh daoine "tha an t-uisge ann", chanadh iadsan, "tha e a' bùrn", “tha e a’ bùrn�, an à ite, “tha an t-uisge ann�.
Ìý
Tar-sgrìobhadh: Maureen an Afraga a Deas: Maureen NicLeòid
Maureen: Dìreach aig mo là imh chlì an seo, tha muncaidh a’ coiseachd dìreach tro na craobhan an-drà sta, agus, oh uill, ma gheibh esan air coiseachd an seo fad an latha, chan eil rian nach urrainn dhòmhsa cuideachd.
Sin, tha an à ite seo dìreach là n muncaidhean, agus sin dìreach aon dha na muncaidhean dìreach a’ leigeil bin an siud an-drà sta agus ’s dòcha gur e seo an t-à ite a tha iadsan a’ cleachdadh airson an t-sealladh acasan fhaicinn dha na h-uisgeachan cuideachd.
Wow, seo, tha mi a’ tighinn chun an t-sealladh a-nis, agus ’s e seo an à ite as fheà rr chanainn. Tha seo dìreach à lainn. Tha thu dìreach, na creagan mun cuairt air agus dìreach na h-uisgeachan a’ dol sìos dhan a’ bhùrn. Agus, tha sin, ’s e sealladh cumhachdach dha-rìribh a tha sin.
Agus chanainn ’s dòcha nuair a bhios tu a’ faicinn dealbhan dha na h-uisgeachan gur ann à seo a bhios iad a’ tighinn, oir tha thu a’ faicinn deagh shealladh.
Tha thu dìreach a’ coimhead ri na h-uisgeachan, tha thu dìreach mun coinneamh mar gum biodh, agus tha e brèagha, brèagha dha-rìribh agus tha mi a’ smaoineachadh gur e seo, ’s e seo an t-sealladh as fheà rr.
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne: John Neil Dòmhnallach
John Neil: Tha Oilthigh Ohio State anns na Stà itean Aonaichte ag obair an-drà sta air coimpuitairean a thrèanadh airson ’s gun aithnich iad na faireachdainnean aig daoine. Tha na coimpuitairean a’ coimhead air aodainn dhaoine, agus a-rèir d’ aodann, tha iad ag obrachadh a-mach ciamar a tha thu a’ faireachdainn. Mar eisimpleir, ma tha gà ire air d’ aodann, tha an coimpuitair ag aithneachadh gu bheil thu ann an deagh thrum.
Caran air an aon rà mh, thà inig film inntinneach a-mach an-uiridh leis an t-ainm 'Her', far an robh an duine seo ann an suidheachadh far an robh am pòsadh aige air bristeadh suas airson bha e a’ tuiteam ann an gaol le guth boireann a th’ anns a’ choimpuitair aige o chionn ’s gun i an aon tè a tha ga thuigsinn. ’S dòcha gu bheil sin doirbh a chreidsinn, ach bha e creidsinneach sa film.
’S e ceist inntinneach a th’ ann; dè an ìre a dh’fhaodadh teicneòlas a ruigeadh, gu h-à raid 'artificial intelligence' mar a th’ aca air, agus am faic sinn an latha far am bi faireachdainnean fìor aig coimpuitairean?
Tha gu leòr de dh’eòlaichean a’ smaointinn gum faic sinn an latha sin uair neo uaireigin, nam measg an eòlaiche fiosaigs, Stephen Hawking. Dhomh fhìn, chan eil mi buileach cho cinnteach. Tha a h-uile mac-pearsa a bha riamh ann, agus a tha fhathast ri thighinn fa leth agus à raid. Chan urrainn dhut mac-an-duine a chruthachadh ann am factaraidh neo seòrsa de phroduction line.
Ged a tha e gu math dèante gum faic sinn coimpuitairean neo ròbotan a dh’aithneachas rudan mar deidhinn, cha bhi tuigse aca gu brà th mu gaol agus an dà imh a tha ann eadar dhaoine. ’S e an dòigh agus a tha sinn fa leth agus à raid a tha aig cridhe nà dar mac-an-duine.
Oisean a’ Ghrà mair 4: ‘GETTING’
1.ÌýÌýÌýÌý Gnìomhair 1: FAIGHÌýÌý ‘Get, receive’.
Cuimhnich:
Past tense: FHUAIR Ìý An d’fhuair...?ÌýÌý Fhuair. / Cha d’fhuair.
Future/Present: GHEIBHÌý Am faigh …?ÌýÌý Gheibh. / Chan fhaigh.
Faigh am bà lla! ‘Get the ball’Ìý Faigh e! ‘Get it!’
Fhuair mi litir an-diugh.ÌýÌýÌý ‘I got (‘received’) a letter today’.
Fhuair mi deagh naidheachd.Ìý ‘I got good news.’
Fhuair iad clisgeadh.ÌýÌý ‘They got a shock.’
Fhuair mi preusant.ÌýÌý ‘I got a present.’Ìý
Gheibh mi obair ùr a dh’aithghearr.Ìý ‘I’ll get a new job soon.’
Gheibh MÃ iri duais airson na rinn i.ÌýÌý Mary will get an award for what she did.
Abairtean eile le FAIGH:
Gheibh mi cuidhteas e. / Gheibh mi clìoras e.ÌýÌý ‘I’ll get rid of it.’
Gheibh mi seachad air.Ìý /Ìý Gheibh mi os a chionn.ÌýÌý ‘I’ll get over it.’ (emotionally)
FAIGH + air: ‘to get to, manage to (do something):
Fhuair sinn air fà gail trà th. ‘We got to / managed to leave early.’ÌýÌý
Cha d’fhuair mi air am film fhaicinn.Ìý ‘I didn’t get to see the film.’
2.ÌýÌýÌýÌýÌý Gnìomhair 2: FÀSÌý ‘Get, grow, become’.ÌýÌýÌýÌý
Tha iad a’ fà s sean.Ìý They’re getting old.
Dh’fhà s i feargach.ÌýÌý ‘She got angry.’ÌýÌýÌý
Fà saidh iad sgìth.ÌýÌýÌý ‘They’ll get bored’
Dh’fhà s a’ chlann an-fhoiseil. Ìý‘The children got restless.’
3.ÌýÌýÌý Gnìomhair 3: RACH ‘to go’.
‘Get’ as passive action:Ìý ‘to get broken, to get hit, to get built’, etc.
Cuimhnich:
Past tense: ÌýCHAIDH ÌýAn deach?ÌýÌý Chaidh / Cha deach.
Future/Present: THÈIDÌýÌý An tèid?ÌýÌýÌý Thèid / Cha tèid.
Chaidh an uinneag a bhriseadh.ÌýÌýÌý
‘The window got broken.’
Chaidh an cù bochd a bhualadh le cà r.Ìý Ìý
‘The poor dog got hit by a car.’
Thèid na tramaichean a thogail gu luath agus air bheag prìs.ÌýÌý
‘The trams will get built quickly and cheaply.’
Thèid am prògram a chraoladh a-rithist aig an deireadh-sheachdain.ÌýÌý
‘The programme will get repeated (broadcast again) at the weekend.’
Chaidh na dorsan a ghlasadh aig deich.Ìý
‘The doors got locked at ten o’clock.’
Cha deach cà il a dhèanamh ma dheidhinn.ÌýÌýÌý
‘Nothing got done about it.
Thèid na ballachan a pheantadh an-ath-sheachdain.Ìý
‘The walls will get painted next week.’
Chaidh an taigh a reic gun duilgheadas.Ìý
‘The house got sold without anyÌý problem.’
Cuideachd:
dheidheadh / rachadh (‘would go, would get done’):
Dheidheadh na dorsan a ghlasadh gach oidhche aig deich.ÌýÌýÌýÌý
‘The doors would get locked at ten o’clock every night.’
Rachadh na ballachan a pheantadh gach dà rna bliadhna.ÌýÌý
‘The walls wouldÌý get painted every second year.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 12 Apr 2015 21:32Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Apr 2015 12:03Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Apr 2015 22:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Apr 2015 10:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jul 2015 21:29Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Jul 2015 12:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Jul 2015 22:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Aug 2015 10:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Jan 2021 21:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Jan 2021 12:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Jan 2021 22:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Jan 2021 10:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.