3/4 Teine
Sùil air na h-eileamaidean a tha bunaiteach dhar beatha. An-diugh 's e teine a th' againn. A look at the classical elements of the universe, continuing today with fire.
Bha na seann Ghreugaich a' cumail a-mach gu robh ceithir eileamaidean a bha bunaiteach dhar beatha - èadhar, uisge, teine agus talamh.
A seo tha sinn a' faighinn beachdan agus smuaintean dhaoine air teine. Nam measg tha an Dr Iain MacAonghais a' mìneachadh mar a bhiodh na seann Ghà idheil a' smà ladh an teine agus a' cur thuige an teine às ùr; tha Iain Macleòid ag innse mar a chaidh an taigh aca na theine agus tha Zena Nicoll a' dèanamh dealbh air mar a bhuail dealanaich an taigh aca nuair a bha i òg.
Tha Dòmhnall Macleòid, a bha na fhear smà laidh, a' bruidhinn mun chunnart a th' ann an teine agus tha Catrìona Lexy Chaimbeul a' toirt iomradh air cho mòr 's a tha cleasan-teine Dhùn Èideann aig à m na Bliadhn' Ùire a' cordadh rithe.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2003.
Last on
Broadcasts
- Mon 19 Jul 2021 12:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Jul 2021 22:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jul 2021 13:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal