Hiort
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the Âé¶¹Éç in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo 's ann air Hiort a tha a shùil.
Ann an 1971 thill Lachlainn Dòmhnallach a Hiort airson a' chiad uair an dèidh dha an t-eilean fhà gail ann an 1930 nuair a dh'fhà g an sluagh gu lèir an eilean. Cluinnidh sinn an còmhradh a bh' aig Fred leis fhads a bha iad air an eilean.
Ann an aon de na clà raidhean as sine a th' againn ann an Gà idhlig aig a' BhBC, tha Dòmhnall Iain Fearghasdan ag innse mar a thà inig bà t'-aigeil Gearmailteach a-steach a Bhà gh Hiort aig toiseach a' Chiad Chogaidh agus a chuir i às dhan stèisean rèidio a bh' aca a sin. Chaidh a chlà radh ann an 1937.
Agus gheibh sinn criomag den chòmhradh a chlà r chlà r Fionnlagh J Dòmhnallach ann an 1949 còmhla ri Anna NicIllÌosa a bha air Hiort fhà gail ann an 1930 agus air a dhol a dh'fhuireach dhan Mhorbhairne.
Cuinnidh sinn cuideachd 'Tuireadh nan Hiortach', 'Mo ghaol Òigfhear a' Chùil Duinn' agus 'Cleite Gà daig'.
Last on
Broadcasts
- Mon 29 Dec 2025 15:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2026 21:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Jan 2026 10:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal