le Cathy NicDhòmhnaill
Cuspairean co-cheangailte ri ceòl, cultar agus dualchas nan Gà idheal. Conversation, discussion, culture and life style.
Tha am Mòd Nà iseanta Rìoghail sa Ghearasdan an t-seachdain seo agus thathar am beachd gum bi faisg air 10,000 neach an là thair eadar farpaisich, luchd-ciùil agus luchd-frithealaidh. Seachdain cho cudromach 's a th' ann dhan a' Chomunn Gà idhealach mar a chuala Cathy nuair a bhruidhinn i ri Ceann-suidhe na buidhne, Magaidh Choineagain.
Tha 20 bliadhna bho bhuannaich Fiona J NicChoinnich Bonn Òir a' Chomuinn ann an Steòrnabhagh. Bhon uairsin tha i air iomadh òran a chlà radh agus tha i cuideachd air a bhith na tasglannaiche aig Taigh Chanaigh. Fhad 's a bha i a' fuireach an Cannaigh, aig à m a' ghlasaidh, ghabh i an cothrom sgrùdadh ceart a dhèanamh air a' chruinneachadh de dh'òrain agus sgeulachdan beul-aithris a bha Mairead Fay Sheathach air a chlà radh. Ri linn sin, tha i air leabhar a sgrìobhadh mu eachdraidh-beatha Mhairead agus mun tasglann a chruthaich i fhèin 's an duine aice, John Lorne Caimbeul. Bhruidhinn Fiona ri Cathy mun an leabhar, The Cadence of A Song a tha Birlinn a' foillseachadh aig a' Mhòd a-mà ireach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 14 Oct 2025 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Oct 2025 23:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal