le Cathy NicDhòmhnaill
A bheil e gu diofar mura h-eil daoine a' còcaireachd cho tric is a b' à bhaist? Cathy MacDonald asks if we should be concerned by a reported decline in cooking at home.
A-rèir chuid chan eil Breatannaich a' còcaireachd aig an taigh mar a b' à bhaist - le biadh goireasach sna bùithtean neo ri fhaighinn air an t-slighe dhachaigh cus ro fhurasta. Ach a bheil sin fìor - agus a bheil e na adhbhar iomagain? Eadar eòlaichean-bidhe, oileanaich, agus còcairean, tha gu leòr a' cumail cagnadh air a' chuspair ri Cathy.
Cluinnidh sinn cuideachd mu thaisbeanaiche bhrògan ainmeil banana Billy Connolly: Elspeth King, a bhà saich aig toiseach na mìos. Cò i agus dè an obair eile ris an robh i thar nam bliadhna? Tha an tè-ealain Iseabail Mhoireach air a bhith rannsachadh.
Tha am bà rd is an craoladair Niall O' Gallagher còmhla rinn le fios mu thachartas agus fèis bà rdachd ann an Dun Èideann aig an deireadh sheachdain.
Agus tha Meg Bateman air leabhar neo-fhicsean a thaghadh dhuinn a dhèanadh deagh thiodhlac Nollaig: Falling Upwards le Richard Rohr. Carson a thagh i e, agus dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 18 Nov 2025 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 18 Nov 2025 22:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal