le Cathy NicDhòmhnaill
Eachdraidh, là rach, is bà rdachd Bhlà r Inbhir Lòchaidh ann an 1645. A visit to the location of the Battle of Inverlochy in 1645 and history and songs associated with it.
Thèid tachartasan a chumail an t-seachdain sa tighinn gus daoine a dhèanamh nas mothachail air foill, mar phà irt de Scam Safe Week leis a' BhBC. Ach dè na cunnartan a th' ann, is ciamar a thèid againn air a bhith buileach faiceallach? Tha Shelagh Chaimbeul bho Inbhean Malairt na h-Alba còmhla ri Cathy son a mhìneachadh.
Dh'fhosgail taigh-seinnse ann an Obar Dheathain far nach eil deoch-là idir ri fhaighinn idir - ach a bheil daoine dha-rìribh ag òl nas lugha an-diugh na b' à bhaist? Cluinnidh sinn bho thriùir aig a bheil am beachdan fhèin air a' chuspair sa.
Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an Inbhir Lòchaidh a-rithist cuide ri dithis a tha air leth eòlach air eachdraidh an Dà rna Blà r an Inbhir Lòchaidh, ann an 1645. 'S iad sin Eòghann MacEunraig agus Iain MacAonghais, agus eadar òrain, bà rdachd, is sgeulachdan beul-aithris ceangailte ris a' bhlà r tha gu leòr ri ionnsachadh mu shabaid nimheil eadar Goill is Gà idheil, Caimbeulaich is Dòmhnallaich, neo Cùmhnantaich is Feachdan a' Rìgh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 20 Nov 2025 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 20 Nov 2025 22:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal