le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na sgilean a thog sibhse às a chiad obair a bh' agaibh a riamh? What useful life skills did you garner from your first ever job?
A-reir an t-seann-fhacail, an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach. Tha cuid a' moladh cho feumail sa tha e do dheugairean obair pà irt ùine fhaighinn son modhan obrach ionnsachadh nan òige . Gheibh sinn cuimhneachain bho cheathrar aoighean, mu na dh' ionnsaich iad fhèin bhon chiad obair a bh' aca riamh.
Tha an dealbhadair camara, Simon Phipps air leabhar ùr fhoillseachadh air a bheil, Brutal Scotland. Tha e air dealbhan a tharraing de thoglaichean ann an Alba, air a bheil cruth ris an canar ‘brutalist’‘. Tha Callum NacNeacail, aig a bheil ùidh ann an à iltearachd, a' mìneachadh dè a th' ann a stoidhle 'brutalist'.
"Let them eat cake!" - na briathran ainmeil aig Marie Antoinette. Tha taisbeanadh ùr mun stoidhle aice, ri fhaicinn an-drà sta aig a V&A ann a Lunnainn. Chaidh an dealbhadair-aodaich Sandra Mhoireach ga fhaicinn 's i a' toirt cunntas dathach air na tha ri fhaicinn agus air dè bhuaidh a thug Marie Antoinette air fasan chun an là an-diugh.
Agus tha Alison Lang air leabhar neo-fhicsean a thaghadh a tha i moladh mar dheagh thiodhlac Nollaig: Snow Widows: Scott’s Fatal Antarctic Expedition Through the Eyes of the Women They Left Behind, le Katherine MacInnes. Tha i ag innse carson a thagh i e, agus dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 9 Dec 2025 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 9 Dec 2025 22:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal