Seirbheis ron Nollaig le Mgr Ros Crichton
Seirbheis ron Nollaig le Mgr Ros Crichton, sagart Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeigh. Christmas preparation with Fr R Crichton, parish of South End of Uist and Eriskay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Peadair a' seinn an Gloria
Mà iri Callan a' seinn Èist tha Guth a' Seirm gu Soilleir
Nach Glòirmhòr an Naidheachd air a sheinn le Fiona NicChoinnich
Sgoil Dhalabroig a' seinn Iseum Dominum
Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu a' seinn Èist san Iarmail Òran Binn
Leughaidhean:
Isaiah 9: 1-7
Lucas 2: 1-14
Rugadh Mgr. Ros Crichton ann an Glaschu agus tha ceanglaichean-teaghlaich là idir aige ri Earra-Ghà idheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhà thar.
Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an do chuir e seachad còig bliadhna a’ dèanamh ceuman ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig Oilthigh Gregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhrà ing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach. Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna anns a’ pharaiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an Lagh.
A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e do Bheinn na Faoghla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh deich bliadhna na shagart-paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Èrisgeigh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair, Uibhist a Deas ann an 2017. Aig an aon à m, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sà cramaideach na h-Eaglaise: obair a tha a’ leantainn fhathast ach aig ìre gu math adhartach.
Tha e cuideachd na iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn; ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr. Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na neach-tairbhe fon sgeama seo.
San t-Sultain am-bliadhna chaidh urram a bhuileachadh air Mgr Ros airson a bhith a' brosnachadh canan agus cultair na Còirne.
Last on
Broadcasts
- Sun 21 Dec 2025 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Dec 2025 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal