le Cathy NicDhòmhnaill
Beachdan bho Shiorrachd Obar Dheathain air mar a tha iad a' dèiligeadh ris an t-sneachd. Residents of Aberdeenshire tell Cathy about their own experiences of this wintry spell.
Chan eil a' bhliadhna ach òg, ach 's i a tha fuar - gu sònraichte ann an ear-thuath na dùthcha. Ciamar a tha muinntir na sgìre a' dèiligeadh ris an t-sneachd, agus ciamar a tha e an coimeas ri bliadhnaichean eile? Tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn air feadh Siorrachd Obar Dheathain mun ghnothaich.
Cluinnidh sinn cuideachd bho John Neil Dòmhnallach mun fhiolm ùr Song Sung Blue, stèidhte air sgeulachd chupal a bhiodh a' seinn òrain Neil Diamond.
Tha am Blue Lamp ann an Obar Dheathain air dùnadh - à ite far an deach iomadach òran a ghabhail thar nam bliadhna. Tha cuid a tha neo a bha a' fuireachd anns a' bhaile a' bruidhinn ri Cathy mun bhuaidh a bheir an dùnadh air à rainneachd ciùil Obar Dheathain.
Agus tha sinn a' dèanamh luaidh air dithis a chaill sinn o chionn ghoirid a rinn iomadach agallamh is gà ire ann an iomadach còmhradh air Radio nan Gà idheal: Dòmhnall Iain MacLeòid nach maireann, a bhuineadh do Thaobh Siar Leòdhais ach a bha bliadhnaichean ann an California; agus an t-Urr. Aonghas Mac a' Ghobhainn, a bha na sheaplain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 8 Jan 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 8 Jan 2026 22:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal