Main content

le Emma NicLaomainn

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma. News, chat, sport, music and entertainment with Emma.

Chan eil càil nas fhèarr aig toiseach bliadhn' ùr, agus an aimsir cho fuar agus fliuch, na bhith a' toirt sùil air càite a dh'fhaodar turas a ghabhail nas fhaide air adhart sa bhliadha. Ach chan ann a-mhàin thall thairis, tha iomadach àite agus turas a dh'fhaodar gabhail nas fhaisg air an dachaigh. Thathas air innse gu bheil deich tursan rèile ùr ann am Breatainn gu bhith a' nochdadh air a' bhliadhna a th'air thoiseach oirnn. Cò a b'fheàrr innse mun deidhinn ach Alasdair MacCallum a tha air leth dèidheil air a bhith a' siubhal thall 's a-bhos air trèine.

Tha fiolm ùr, stèidhichte air an nobhail Wuthering Heights le Emily Bronte, gu bhith ri fhaicinn an ath mhìos as na taighean-deilbh. Cha b'e seo a' chiad dreach ùr a chaidh a dhèanamh dhan leabhar, agus chan eil coltas ann gur e an fhear mu dheireadh. Carson a tha sinn air ar tarraing gu dreachan air nobhailean clasaigeach? Tha Patsi NicChoinnich ag innse do dh'Emma an tlachd a tha ise a' faighinn asta.

Tha an lùth-chleasaiche Megan Keith air innse mar a dh’fheumadh i co-dhùnadh a dhèanamh gluasad bho ruith air a’ bhlàr a-muigh gu ruith air an traca, ri linns gur ann air an sin a tha fòcas sponsairean agus a’ bhuidheann Luth-chleasachd Bhreatainn. Chaidh farpaisean na cruinne san spòrs a chumail air an deireadh sheachdain a chaidh agus bha na h-aireamhan air lùghdachadh gu mòr. Carson is ann mar seo a tha cùisean dhan spòrs, agus dè an t-slighe air adhart? Tha Emma a' cluinntinn bho Sheumas Mac an t-Sagairt.

8 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 13 Jan 2026 21:00

Music Played

  • Sigma

    Nobody To Love

  • Morgan Wallen

    Love Somebody

  • Dire Straits

    Money For Nothing

    • Sultans Of Swing - Best Of Dire Straits.
    • Vertigo.
  • Ella Henderson

    Filthy Rich

    • Filthy Rich.
    • Atlantic Records UK.
    • 1.
  • Taylor Swift

    The Fate of Ophelia

    • The Life of a Showgirl.
    • Republic.
  • Luke Combs

    Back In The Saddle

  • Admiral Fallow

    Isn't This World Enough??

    • Tree Bursts in Snow.
    • Nettwerk.
    • 6.

Broadcasts

  • Tue 13 Jan 2026 12:00
  • Tue 13 Jan 2026 21:00