Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1383
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1383. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 18 Jan 2026
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1079
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1383
Duration: 04:51
Litir 1383: Na Rathaidean Co-shìnteach (1)
Anns na ceithir Litrichean a dh’fhalbh, bha sinn ann an Gleann Ruaidh ann am Brà igh Loch Abar. Thòisich sinn aig bonn a’ ghlinne ann an Drochaid Ruaidh. A-nise tha sinn air ceann shuas a’ ghlinne a ruigsinn agus abair à ite!
Tha a’ phà irt seo de Ghleann Ruaidh ainmeil air feadh an t-saoghail, gu h-à raidh am measg eòlaichean chreagan. Carson? Uill, sin far am faic sibh na ‘rathaidean co-shìnteach’ – trì loidhnichean mòra air a’ mhonadh a tha co-shìnteach ri chèile. Don t-sùil, tha iad, gu dearbh, coltach ri rathaidean. Mura robh sibh riamh ann, mholainn an t-à ite gu mòr dhuibh.
Ann an seann chunntas mu na rathaidean a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug is dhà air fhichead (1822), tha seo: ‘In English, they are now called parallel roads; the inhabitants know them by the name of the King’s hunting roads.’ Tha mi an dùil, ma-thà , gur e ‘Rathaidean-seilg an Rìgh’ a bh’ aig muinntir an à ite orra.Â
A rèir choltais, bha iad dhen bheachd gun deach na rathaidean a thogail le daoine o chionn fhada. Bha sin gus leigeil le rìghrean na h-Alba a dhol a-steach don bheinn-sheilg nuair a bha iad a’ fuireach greis ann an Inbhir Lòchaidh – faisg air far a bheil An Gearasdan an-diugh.Â
Carson, ge-tà , a bha trì rathaidean ann? Uill, fear airson an Rìgh agus a chompanaich a bh’ air muin-eich, fear airson charbadan agus fear airson ... uill, rudeigin air choreigin eile!
A rèir choltais bha cuid dhen bheachd gur iad na Fianna a thog na rathaidean airson a dhol a shealg anns na beanntan, ach chan fhaca mi sin ann an dreach sgrìobhte ann an Gà idhlig.
Tha na ‘rathaidean’ – aig astar – a’ coimhead coltach ri ceumannan-coise dhen t-seann seòrsa, a’ dèanamh slighe a-steach do na beanntan. Ach bha mi airson coiseachd air fear dhiubh, airson faicinn an robh e furasta gu leòr coiseachd air.
Shreap mi suas an leathad bhon à ite-phà rcaidh, agus chaidh mi seachad air a’ chiad rathad co-shìnteach gun fhiosta. Gu fortanach, bha am mapa air a’ fòn agam co-cheangailte ri GPS agus thuig mi mo mhearachd. Thill mi sìos. Cha robh an rathad follaiseach idir. Cha bhiodh e furasta falbh air, an tòir air na fèidh. Ma bha an talamh rud beag còmhnard far an robh an ‘rathad’, cha robh e uabhasach follaiseach dhòmhsa.
Anns an naoidheamh linn deug, thòisich luchd-saidheans air sgrùdadh a dhèanamh air na rathaidean co-shìnteach. Bha iad dhen bheachd gur e rud nà darrach a bh’ ann, ach cha robh iad cinnteach dè dìreach a chruthaich na rathaidean. Ceart gu leòr, bha daoine dhen bheachd gun robh uisge an sàs ann. Chan e a-mhà in gu bheil na trì rathaidean co-shìnteach ri chèile ach gu bheil iad uile còmhnard. Dè an rud as motha a sheatlaigeas còmhnard agus a dh’atharraicheas cumadh na tìre? Dè ach uisge? An robh seann chladaichean an sin gu h-à rd air monaidhean Ghlinn Ruaidh?
Ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-ochd (1838) thà inig neach-saidheans òg – a bha gu bhith fìor ainmeil – don Ghà idhealtachd. B’ esan Teà rlach Darwin. Bha e dìreach air tilleadh bho a thuras air feadh an t-saoghail air a’ Bheagle. Bha ùidh mhòr aige anns na rathaidean co-shìnteach. Ach, mar a chì sinn, ’s e fear eile a dh’obraich a-mach mar a thà inig iad gu bith ann an Linn na Deighe.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Gleann Ruaidh: Glen Roy; Brà igh Loch Abar: Brae Lochaber; Drochaid Ruaidh: Roybridge; rathaidean co-shìnteach: parallel roads; mholainn: I would recommend; An Gearasdan: Fort William; seann chladaichean: old shorelines; Linn na Deighe: The Ice Age.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: A-nise tha sinn air ceann shuas a’ ghlinne a ruigsinn agus abair à ite!: now we have reached the upper part of the glen and what a place!; ainmeil air feadh an t-saoghail, gu h-à raidh am measg eòlaichean chreagan: famous throughout the world, particularly among geologists; mura robh sibh riamh ann: if you have never been there; gus leigeil le rìghrean na h-Alba a dhol a-steach don bheinn-sheilg: to allow the kings of Scotland to go to the hunting hill; nuair a bha iad a’ fuireach greis ann an Inbhir Lòchaidh: when they were staying for a while in Inverlochy; agus a chompanaich a bh’ air muin-eich: and his companions who were on horseback; rudeigin air choreigin eile: something or other else; coltach ri ceumannan-coise dhen t-seann seòrsa: like old-fashioned walking tracks; shreap mi suas an leathad bhon à ite-phà rcaidh: I climbed up the slope from the parking area, chaidh mi seachad air a’ chiad rathad co-shìnteach gun fhiosta: I went past the first parallel road without realising it; thuig mi mo mhearachd: I understood my mistake; an tòir air na fèidh: in pursuit of the deer; cha robh e uabhasach follaiseach dhòmhsa: it wasn’t particularly obvious to me; ceart gu leòr, bha daoine dhen bheachd gun robh uisge an sàs ann: certainly, people reckoned that water was involved; chan e a-mhà in gu bheil trì rathaidean co-shìnteach ri chèile ach gu bheil iad uile còmhnard: it’s not only that the three roads are parallel to each other but that they are all horizontal; dè an rud as motha a sheatlaigeas còmhnard agus a dh’atharraicheas cumadh na tìre: what is the thing that most [commonly] settles horizontally and that changes the form of the land; a bha gu bhith fìor ainmeil: who was going to become extremely famous.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ochd ceud deug is dhà air fhichead: 1822. This is an alternative, and slightly more traditional, way of saying ochd ceud deug, fichead ʼs a dhà . Also it is worth noting that some people omit the ‘c±ð³Ü»å’ in these dates, following the English model where there is no mention of ‘hundred’ i.e. ochd deug is dhà air fhichead or ochd deug, fichead ʼs a dhà .
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Anns na ceithir Litrichean a dh’fhalbh: last/previous four Litrichean.
Broadcast
- Sun 18 Jan 2026 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.