Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè tha cho math mu dhèidhinn sauna? What's the great attraction of going to the sauna?

Le fios gun tòisich an Tour de France ann an Dun Eideann ann an 2027, dè na slighean eile ann an Alba a bhiodh math son an fharpais? Tha Gòrdan Camshron, Tina Bruce, agus Kerr Gibb a' beachdachadh air a' ghnothaich.

Cluinnidh sinn bhon sgrìobhadair Iain Fionnlagh MacLeòid mun bhloga aige far a bheil e a' taisbeanadh diofar sheallaidhean de dhualchas is eachdraidh nan eilean is nan Gàidheal.

Agus leis gur e seo an àm dhen bhliadhna nuair a bhios gu leòr ann an coimhearsnachdan Pròsdanach a' beachdachadh air clàradh son campaichean na h-Eaglais Saoire nas fhaide air adhart sa bhliadhna, dè tha còrdadh ri daoine mun dèidhinn? Còmhla ri Cathy tha triùir aig a bheil iomadach deagh chuimhne air na turasan aca gu diofar champaichean air feadh na rìoghachd.

'S iomadh rud a thig is a dh' fhalbhas às an fhasan - agus tha e coltach gu bheil barrachd is barrachd dhaoine a' cleachdadh sauna, is e gu mòr air a mholadh dhuinn a thaobh slàinte inntinn is fiù bodhaig. Ach dè an tarraing a th' ann? Sin a' cheist a th'aig Cathy dha feadhainn a tha air leth dèidheil orra.

15 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 20 Jan 2026 22:25

Broadcasts

  • Tue 20 Jan 2026 09:00
  • Tue 20 Jan 2026 22:25