le Cathy NicDhòmhnaill
Fios mu "Cala-Cainnte" - sgeama-còmhnaidh do luchd ionnsachaidh na Gà idhlig ann an Canada. Cathy MacDonald hears about Cala Cainnte, a Gaelic residency course in Cape Breton.
Chan e rud furasta a th'ann an ionnsachadh cà nain - ach tha cothrom air leth inntinneach air a bhith aig buidheann de luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig ann an Albainn Nuadh sna mìosan mu dheireadh. A' fuireachd aig "Cala Cainnte" - sgeama còmhnaidh is cothrom ionnsachaidh fad ceithir mìosan - tha iad air a bhith air am bogadh sa chà nan. Ach ciamar a tha dol dhaibh? Tha Cathy a' bruidhinn ri oidean agus oileanaich mu mar a tha a' chùis ag obair, agus am feallsanachd a th' air a chùlaibh, air a' sgeama iongantach seo.
Cluinnidh sinn bhon chòcaire Ùisdean MacLeòid mu dheidhinn mar a ghabhas feòil a chuir dhan phrais aig an à m sa dhen bhliadhna gus "Irish Stew" a dhèanamh. Èireannach neo Albannach, cha bheag an fheum a th' air biadh dhen leithid mun à m sa.
Agus tha Iain Urchadan a' bruidhinn ri Cathy mun chruinneachadh bà rdachd ùr aige, a bhios air fhoillseachadh air a' mhìos a tha seo fhèin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 5 Feb 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 5 Feb 2026 22:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal