le Coinneach Mac a' Ghobhainn
A' comharrachadh ceud bliadhna bho chaidh an dealbh-chluiche Èireannach The Plough and the Stars air an à rd-ùrlar an toiseach.
100th Anniversary of The Plough and the Stars.
Nuair a-nochd an t-seinneadair Bad Bunny air à rd-ùrlar a' Super Bowl na bu thrà ithe san t-seachdain, shèinn e ann an Spà inntis gus à ire dhaoine a tharraing gu cà nan agus cultar a dhùthaich fhèin. Ach dè seòrsa dùthaich a th' ann am Puerto Rico? Tha Maureen NicLeòid air a bhith a' rannsachadh.
Bha Fèill Earraich a' Chruidh Ghà idhealaich san Òban an t-seachdain sa le còrr air ceithir fichead mart Gà idhealach an là thair. Bha uair ann agus e na annas bò Ghà idhealach fhaicinn ach an-diugh tha an à ireamh air a dhol am meud agus fèill mhòr orra am measg luchd-turais. Ach ged a tha coltas feargach orra, tha coltach gur e beathaichean solta a th' annta nan nà dar mar a chluinneas sinn bho dhithis thuathanach a tha gu math measail orra.
Tha ceud bliadhna dha chomharrachadh bho nochd an dealbh-chluiche Èireannach The Plough and the Stars air an à rd-ùrlar an toiseach. Mìnichidh Brian O h-Ùiginn carson a tharraing e uimhir a chonnspaid agus cò bh' anns an sgrìobhaiche Sean O' Casey.
Tha coltach nach eil còir againn a bhith biathadh nan eòin le aran. A rèir eòlaichean chan eil maitheas sam bith ann dhaibh. Gheibh sinn stiùireadh bho Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith, Shona NicIllfhialain air dè am biadh a bu chòir dhuinn a bhith a' cur a-mach dha na h-eòin aig an à m seo den bhliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 12 Feb 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Feb 2026 22:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal