còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba
Seirbheis còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba sgìr' Ùige agus Bheà rnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland parish of Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus 's e Aonghas MacGillEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, sgìr' Ùige
Salm 43: 3-3 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cille Bhrìghde an Ear
Salm 90: 15-16 air fonn London New agus 's e Iain MacDhunlèibhe a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Leughadh: Salm 102
Ceann-teagaisg: Salm 102
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùige is Bheà rnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus à ite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh a bu mhotha a ghabh à ite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an à m.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teà rlach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 15 Feb 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Feb 2026 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal