Main content

An Ros Mhuileach

Prògram a tasglann Fàilte air a' Bhaile. Thadhail Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987. Fàilte air a' Bhaile in The Ross of Mull in 1987, from the Âé¶¹Éç archive.

Tha Âé¶¹Éç Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a dol air ais gu na tràth laithean sin son an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. Sa phrògram seo, thadhail Cathy NicDhòmhnaill air An Ros Mhuileach ann an 1987.

Bha Cathy a' còmhradh ri Attie MacEachairne mun chreag san sgìre is e ag aithris mar a chaidh a chleachdadh ann an drochaid Greyfriars ann an Lunnain. Chaidh a’ chlach gu New York agus Liverpool airson cidheachan a thogail an sin agus 's e th’ ann an cuid de thoglaichean Ghlaschu agus ann an cuid de thaighean-solais air feadh na dùthcha. Fhuair sinn òran bho Attie anns a’ phrògram; Togaidh mi'd a Bhratach, a chaidh a sgrìobhadh le bàrd ionadail, Eòghann MacLaomain.

Anns a' phrògram bha i cuideachd a' còmhradh ri Iain MacCalluim agus ri Calum Peutan is i a' faighneachd dhaibh dè thug orra tilleadh dhan sgìre.

Bha Calum Caimbeul a' còmhradh ri Cathy mu àiteachas san sgìre is mun là obrach aige agus chualar cuideachd bho Dot Mhoireasdan a bha ag obair ann an Oifis a' Phuist.

10 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 22 Feb 2026 15:30

Broadcasts

  • Mon 16 Feb 2026 15:30
  • Wed 18 Feb 2026 20:00
  • Sun 22 Feb 2026 15:30