le Cathy NicDhòmhnaill.
Beachd air an t-sreath telebhisein ùr, The Tony Blair Story. Anna MacLeod and Peter MacAulay review Channel 4's The Tony Blair Story.
Tha Tony Blair a-measg na Prìomhairean as ainmeile a bha riamh am Breatann. Tha sreath de phrògraman telebhisein mu dheidhinn, ri'n ùr fhaicinn air Seanail 4. Tha'n luchd-naidheachd, Anna NicLeòid agus Pà draig MacAmhlaigh air a bhith coimhead The Tony Blair Story. De shaoil iad dheth?
Cò shaoileadh gum biodh teine a thòisich samhradh 's a chaidh ann a Lannraig a' Tuath, fhà thast gun a dhol as? Tha smùid de cheò fhathast ag èirigh bhon talamh, far a robh seann loidhne rèile uairieigin. Carson nach gabh a' mhùchadh? Tha an t-eòlaiche saidheans, Iain MacAonghais, a' toirt sùil air a chùis.
Tha muinntir Sìona a' comharradh Fèis an Earraich, 's toiseach na Bliadhn' Ùire aca. Tha 'n còcaire Ailean MacRisnidh ag innse dè tha dhìth son biadh math Sìonach a dhèanamh agus tha Michelle NicNeacail ag innse mun bhiadh as fheà rr a chòrd rithe fhèin, air thuras a dh' Àsia.
Tha arc-eòlaichean air lorg fhaighinn air seann chà nmh-coise ealabhan, an ceann a deas na Spà inn. An ann le feachdan airm Hannibal a bha am beathach? Tha eòlaichean am beachd gur dòcha gur h-ann. Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag aithris mun a sin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 19 Feb 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Feb 2026 22:25Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal