còmhla ris an Urr Calum Dòmhnallach, an Eaglais Shaor
Còmhla ris an Urr Calum Dòmhnallach a bha os cionn Eaglais Shaor Chalanais mus do leig e dheth a dhreuchd. Service with Rev Calum MacDonald, former minister, Callanish Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 33: 18-19 air fonn Evan agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Salm 34: 18-19 air fonn Coleshill agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chà ralabhaigh
Salm 72: 12-13 air fonn London New agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Leughadh: Mata 15: 21-39
Ceann-teagaisg: Mata 15: 30-31
Thogadh Mgr Dòmhnallach ann am baile Shiaboist, air Taobh Siar Leòdhais. Às dèidh dha an sgoil fhà gail fhuair e obair ann am Muileann a' Chlò Hearaich a bha anns a' bhaile agus lean e air ag obair ann an sin airson 9 bliadhna. 'S ann às an aon bhaile a tha a bhean aige, Mairead agus tha dithis chloinne aca - Aonghas, a tha na shaor ann an Glaschu agus Anna, a tha na banaltram ann an Inbhir Nis.
'S ann nuair a bha e 23 bliadhna a chaidh Mgr Dòmhnallach iompachadh agus bliadhna no dhà às dèidh sin dh'fhairich e gairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus gu ruige Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e MA. Às an sin chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann.
B' ann gu sgìre na Pà irce a chaidh e an toiseach na mhinistear agus bha e an sin airson 7 bliadhna gus an do ghluais e a Chalanais far an robh e na mhinistear airson 23 bliadhna. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2025.
Ged nach eil uallach coitheanal air, tha e fhathast gu math tric a' searmonachadh ann an diofar sgìrean air an deireadh sheachdain. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin airson beagan cur-seachad, 's toil leis a bhith a' ruith chaorach, nì anns a bheil tlachd air a bhith aige bho là ithean òige.
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Sunday 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sunday 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal