Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1392
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1392. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 22 Mar 2026
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1088
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1392
Duration: 05:01
Litir 1392: Fear-cluig Inbhir Nis (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Stephen, fear-cluig ann an Inbhir Nis anns an naoidheamh linn deug. Bhuineadh e do dh’Inbhir Nis. ’S e ‘gille Clach na Cùdainn’ a bh’ ann. Nuair a bha e òg, bhiodh e an sàs gu tric ann an ùpraid air an t-srà id. Cha robh seirbheis poilis ann aig an à m sin.
Nuair a rà inig e ìre, fhuair e obair mar sguidsear no heckler. Sin neach a bha ag obair le lìon. Bha e ga chìreadh airson a dhèanamh deiseil airson snìomh. Ach cha do mhair an obair sin ro fhada. Bha innealan a’ dèanamh na h-obrach agus cha robh feum air daoine anns a’ ghnìomhachas sin mar a bha roimhe.
An uair sin, fhuair Iain obair leis an Eaglais. Bha e a’ cumail rian air Cladh a’ Chaibeil, the Chapel Yard, a’ dèanamh cinnteach gun robh a h-uile cà il ann an òrdugh. Nuair a bha e ag obair an sin, choisinn e cliù mar shealgair eun. Bha e a’ cumail eun beag ann an cèidse. Bhiodh an t-eun a’ gairm agus bhiodh eòin eile air an tarraing thuige. Bha Iain a’ smeuradh stuth steigeach air geugan faisg air a’ chèidse agus bhiodh na h-eòin a’ dol an sàs ann.
Cha b’ ann airson an ithe a bha Iain gan glacadh. Bha e gan reic do dhaoine a bha ag iarraidh eun ann an cèidse a-staigh aca. Bha an cleachdadh sin cumanta aig an à m sin, a rèir choltais.
Gu tric, bhiodh Iain a’ sealg nan eun faisg air cala Inbhir Nis, far an robh an dùn aig Crombail aig aon à m. ’S e bigeanan-Brìde – no linnets – a bu mhotha a ghlacadh e an sin. Bhiodh e a’ sealg cuideachd ann an à ite eile far am faigheadh e lasraichean-coille, no goldfinches. Agus ann an Coille Chùil Lodair, gheibheadh e loin-dubha, blackbirds, agus smeòraich, thrushes.
Anns a’ chunntas a bha mi a’ leughadh mu Iain Stephen, bha e a-muigh ann an Coille Chùil Lodair turas cuide ri greusaiche air an robh Sandie Gordon mar ainm. Bha an dithis fhear gu math eòlach air a chèile.
‘Èist ris na h-eòin,’ thuirt Iain. ‘Tha iad a’ seinn – Gordanaich dubh, Gòrdanaich dubh, fà g a’ choille!’ Black Gordon, Black Gordon, leave the wood!
Fhreagair an Gòrdanach, ‘Ist, chan ann mar sin a tha e. Tha e ag rà dh – Iain a’ chluig, Iain a’ chluig! Tha am peathair a’ tighinn!’ John of the bell, John of the bell! The forester is coming!
’S e an rud a tha inntinneach mun chòmhradh sin gur ann ann an Gà idhlig a bha e, ged a bha an cunntas gu lèir ann am Beurla. Tha sin a’ dearbhadh dhuinn gun robh Gà idhlig aig an dithis agus gun robh iad ag aithneachadh cainnt nan eun ann an Gà idhlig. Agus, mar sin, tha mi a’ tilleadh chun na ceist – am biodh Iain mar fhear-cluig ag aithris nan naidheachdan do mhuinntir Inbhir Nis anns an dà chà nan? Chan eil fhios a’m.
Bha laigse no dhà aig Iain – gu sònraichte snaoisean agus uisge-beatha. Latha a bha seo, bha e ag obair mar fhear-cluig agus bha e air mhisg. Chaidh rabhadh a thoirt dha gu feumadh e sguir dhen deoch-là idir nuair a bha e ag obair no gun cailleadh e a dhreuchd. Bho sin a-mach bha Iain stuama, measarra, sòbair.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: fear-cluig: bellman, public crier; bhuineadh e do: he belonged to; sguidsear: scutcher, heckler [jobs in the flax processing industry]; lìon: flax; innealan: machines; cèidse: cage; bigean Brìde: linnet; lasair-choille: goldfinch; Coille Chùil Lodair: Culloden Woods; lon-dubh: blackbird; smeòrach: thrush; greusaiche: shoemaker; stuama, measarra, sòbair: abstemious, moderate and sober.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bhiodh e an sàs gu tric ann an ùpraid air an t-srà id: he would often be involved in commotion on the street; ga chìreadh airson a dhèanamh deiseil airson snìomh: combing it to prepare it for spinning; cha do mhair an obair sin ro fhada: that work didn’t last too long; a’ dèanamh cinnteach gun robh a h-uile cà il ann an òrdugh: making sure that everything was functioning; choisinn e cliù mar shealgair eun: he achieved a reputation as a hunter of birds; bhiodh an t-eun a’ gairm agus bhiodh eòin eile air an tarraing thuige: the bird would call and other birds would be attracted to it; a’ smeuradh stuth steigeach air geugan: smearing sticky material on branches; bhiodh na h-eòin a’ dol an sàs ann: the birds would get stuck on it; cha b’ ann airson an ithe a bha Iain gan glacadh: it wasn’t in order to eat them that Jock was catching them; ag iarraidh eun ann an cèidse a-staigh aca: wanting a bird in a cage in their house; faisg air cala Inbhir Nis, far an robh an dùn aig Crombail aig aon à m: near Inverness Harbour, where Cromwell’s fort once stood; ag aithneachadh cainnt nan eun: recognising the speech of the birds; am biodh Iain mar fhear-cluig ag aithris nan naidheachdan do mhuinntir Inbhir Nis anns an dà chà nan?: would Jock as town-crier report the news to the people of Inverness in both languages?; bha laigse no dhà aig Iain: Jock had a couple of weaknesses; gu sònraichte snaoisean agus uisge-beatha: particularly snuff and whisky; bha e air mhisg: he was drunk; chaidh rabhadh a thoirt dha: he was warned; gu feumadh e sguir dhen deoch-là idir: that he would have to avoid alcohol.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: gille Clach na Cùdainn: a Clachnacuddin lad. Clach na Cùdainn ‘the stone of the tub’, now in front of Inverness Town House, was where the women of the old town would rest their tubs on their way to and from the river. It became an icon of the town and people born and bred in the Highland capital would call themselves ‘Clachnacuddin lads and lasses’.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Nuair a rà inig e ìre: when he reached adulthood.
Broadcast
- Sun 22 Mar 2026 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.