13/04/2026
Tha Iain Caimbeul agus Iain X MacÌomhair a' toirt sùil tro cholbhan beachd an deireadh-sheachdain. Iain Campbell and Iain X MacIver review the weekend newspaper columns.
'S iad Iain Caimbeul agus Iain X MacÌomhair a tha cuide ri Cathy NicDhòmhnaill an-diugh a' toirt sùil air colbhan beachd nam pà ipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain
Tha beagan nas lugha na dà mhios gu Cupa na Cruinne anns na Stà itean Aonaichte, Canada is Meagsago. Tha faisg air deich bliadhna fichead bho bha Alba anns na cuairtean dheireannach 's tha sin a' fà gail gum bi na mìltean de luchd-leantainn na sgioba a' dèanamh air Aimeirigeadh. Ach saoil dè cho math 's a thèid do dh' Alba san fharpais? Ma thèid leotha dh' fhaodadh an turas a bhi gu math cosgail don luchd-leantainn. A' beachdachadh air a' chùis tha triùir aig a bheil eòlas farsaing air saoghal a' bhuill-coise.
Tha eòlaichean a’ moladh gun a bhi a’ biathadh nan eun a tha a' nochdadh sna gà rraidhean againn fad mìosan blà th an t-Samhraidh. Mìnichidh Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith sna h-Eileanan an Iar , Shona NicIllfhialain, an adhbhar airson seo - gu bheilear airson smachd a’ chumail air trichomonosis, galar gabhaltach a tha mairbhteach do chuid de eòin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 13 Apr 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 13 Apr 2026 23:10Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal