Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e an sgrìobhadair Iain Urchadan an cèiliche a th'aig Cathy an t-seachdain sa. Writer John Urquhart is Cathy MacDonald's guest this week.

Cò dh'iarradh obair sgrùdaidh dheuchainnean? Le sgoilearan air feadh na h-Alba a' tòiseachadh air na deuchainnean mun àm sa dhen bhliadhna, tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn a bhiodh a' tighinn a-steach is a' cumail sùil air sgoilearan tro na deuchainnean. Dè dìreach an obair a tha an lùib a' leithid?

Agus 's e an sgrìobhadair Iain Urchadan an cèiliche a th'aig Cathy an t-seachdain sa. 'S iomadh rud ris a bheil Iain air a bhith ris thairis air a bheatha - bho bhith ann an Sgoil Ealain na dùthcha, gu bhith ag obair ann an craoladh, a' mhinistearalachd, teagaisg, agus sgrìobhadh. Thionndaidh Iain 60 o chionn ghoirid agus tha e an cuideachd Cathy le sùil air a bheatha gu seo, agus mar a tha ruitheam cruthachail air a bhith anns gach nì a tha e air a bhith dèanamh.

13 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 29 Apr 2026 22:50

Broadcasts

  • Wed 29 Apr 2026 09:00
  • Wed 29 Apr 2026 22:50