taghadh de na h-òrain ùr air an à rd ùrlar.
A' comharrachadh còig bliadhna fichead de dh' òrain ùra Gà idhlig aig Celtic Connections. Twenty five years of new Gaelic songs featured at this year's Celtic Connections.
Bho mheadhan an Fhaoillich gu toiseach a’ Ghearrain tha baile mòr Ghlaschu air ghoil agus Fèis Celtic Connections a’ gabhail à ite, fèis a tha air a bhith ruith bho 1994 agus a tha air a bhith air leth soirbheachail bho bhliadhna gu bliadhna. Tha luchd ciùil nan ceudan a’ foillseachadh an cuid sgilean thairis air na seachdainean sin. Am bliadhna ged tha, a bharrachd air na sgilean seinn is cluich aca a thaisbeanadh air an à rd ùrlar, bha na sgilean sgrìobhaidh cuideachd mar chuspair ann an aon de na cuirmean, b’e sin cuirm shònraichte air an robh “Oran Ùr� a chaidh a chumail anns an Citizen’s Theatre. Bha seo a’ leantainn air a phroiseact a bha ruith air Radio nan Gaidheal thairis air bliadhna.
Air an oidhche chualar 18 de dh'òrain ùr a chaidh an sgrìobhadh bho 2000 air cuspairean leithid canan is ceòl, sgìrean sònraichte eadar machaire Chill-donain is Santiago, talaidhean de dheifir sheorsa bho leanamh òg gu iasgair, òrain spioradail agus òrain gaoil.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 4 May 2026 19:10Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 May 2026 19:10Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Òran Ùr
Blas den fharsaingeachd de dh'òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh bho thoiseach na linne seo.