còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Aig mionaid gu meadhan-oidhche air an 3mh là den Chèitean 1926 chaidh stailc-choitchean a ghairm le Mòr-dhaìl nan Aonaidhean-ciùird (TUC) 's iad ag iarraidh air luchd-ciuìrd dlùth-phà irteachas a' shealltainn do na mèinnearan. Innsidh am fear-naidheachd Pà druig MacAmhlaigh mar a bha cuisean do luchd-obrach ann am Breatainn bho chionn ceud bliadhna agus mìnichidh e dè cho eifeachdach sa bha an stailc.
Leis gu bheil 60 bliadhna bho dh' fhosgail Port-adhair Ghlaschu cluinnidh sinn bho thriùir mu na cuimhneachain a th'aca air a' chiad turas a-riamh a' sgèith iad air itealan.
Cluinnidh sinn bho Wilma NicUalraig mu turas a ghabh i an cois Coisir Ghà idhlig Dhùn Dhèagh gu Fèis Joan of Arc ann an Orlèans san Fhraing.
Tha faisg air ceithir bliadhna deug bho chaidh Curiosity, carabaid ròbotaireach, gu Mars an toiseach. Tha am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach air a bhith a' leanntainn a thuras, nach eil air a bhi cho buileach soirbheachail aig amannan.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tuesday 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Tuesday 22:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal