còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Rev Suzie Roberts, minister with the Baptist Church conducts this week's Gaelic religious service.
Anns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh na laoidhean agus leughaidhean a leanas:
Alleluia Cliù do dh'Iosa agus a' seinnn the Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu.
Salm 130 agus a' seinn tha Mà iri Anna NicUalraig, Eilidh NicCarmaig agus Iain Iosaph MacNèill.
Thighearna Thà inig Thu Chun na Linne air a sheinn le Seumas Greumach.
Kirsteen Menzies, Anna Nic na Cèardaich agus Pòl MacCaluim a' seinn an eadar theangachadh aig an Urr Iain MacLeòid den laoidh A Thigheara Dhia.
Leughaidhean:
Ecsodus 33: 12,13, & 14
Philipianaich 4: 4-7
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (neo Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i 16. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson 18 bliadhna, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Ghrampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh, thà inig aillse broillich oirre ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh còrr air 40 bliadhna, agus tha i ag rà dh gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha. Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin san duine aice, cuide ri mà thair Siùsaidh, a-nise air gluasad a dh'Alba.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 7 Jun 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jun 2026 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal