Am BÃ gh a Tuath, Barraigh
Prògram à Tasglann Fà ilte air a' Bhaile bho 1988 as a Bhà gh a Tuath ann am Barraigh le Mairead NicNèill. Radio nan Gà idheal's archive programme from in Northbay, Barra in 1988.
Tha Radio nan Gà idheal a dol dhan tasglann son an t-sreath Fà ilte air a' Bhaile a thoirt thugaibh. Anns a' phrògram seo, bha Mairead NicNèill as a Bhagh a Tuath ann am Barraigh ann an 1988.
Bha Dòmhnall MacIlleathain, nach maireann, ag innse mu eachdraidh croitearachd na sgìre. Tha beartas òrain anns a' phrògram: ghabh Chrissie Mary NicDhòmhnaill Deoch Slà inte nan Gillean, shèinn Nan NicNèill nach maireann, a bha a còcaireachd anns an sgoil, Turas Mhicheal, agus bha sgoilearan na sgìre a' seinn Eòlaigearraidh, agus shèinn, agus chluich, Kristy NicFhioghnghuin agus Shona Chaimbeul Mo Nighean Donn Bhòidheach. Bha Mairead cuideachd a' còmhradh ri Raghnall MacFhionghuin nach maireann mun trà igh shrùbain is cuspairean eile, agus ri Dòmhnall Eoseph MacNèill mu na bha tachairt ann an Talla a Bhagh a Tuath. Bha Mà iri NicFhionghuin ag innse mun obair a bha an cois a bhith ag ionnsachadh òrain is ceòl dhan fheadhainn òg.
On radio
Broadcasts
- Tomorrow 15:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Wednesday 20:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Next Sunday 15:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal