Main content

còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart

Còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart, Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte, Steòrnabhagh. Service conducted by Rev Kenneth Stewart, Reformed Presbyterian Church, Stornoway.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 116: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e an t-Urramach Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 107: 28-30 air fonn Kilmarnock agus 's e Seonaidh Mac a' Mhaoilein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.

Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 13: 1,3-4,8,11,16-18 & 14: 1, 9-13
Ceann-teagaisg: Leabahr an Taisbeanaidh 14: 13

Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e 18. Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca.

Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte ann an Steòrnabhagh, agus roimhe sin bha e na mhinistear air coitheanal Ghlaschu. Chur e ùine seachad cuideachd na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.

29 days left to listen

30 minutes

Last on

Today 15:00

Broadcasts

  • Today 09:00
  • Today 15:00