Main content
Sorry, this episode is not currently available

06/08/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 116

Dh鈥檉h脿g m貌ran daoine Eilean Mhanainn anns an naoidheamh linn deug. Cha robh an t-eilean beartach mar a tha e an-diugh. Chaidh m貌ran do na St脿itean Aonaichte. Chaidh cuid mhath aca gu Ohio agus Pennsylvania. Bha an c脿nan aca 鈥� G脿idhlig Eilean Mhanainn 鈥� be貌 ann am Pennsylvania aig toiseach an fhicheadamh linn. Agus bha i aig m貌ran ann an grunn bhailtean ann an Ohio 鈥� eadhon ann an Cleveland fh猫in. Tha t霉san Manainneach aig trithead m矛le duine ann an Cleveland.

Anns an eilean fh猫in, anns an naoidheamh linn deug, cha robh na h-霉ghdarrasan uabhasach taiceil don ch脿nan. Ann an ochd ceud deug, seachdad 鈥檚 a h-aon (1871), bha i fhathast aig cairteal dhen t-sluagh 鈥� c貌rr is tr矛 m矛le deug duine. Aig toiseach an fhicheadamh linn bha sin air tuiteam gu beagan is ceithir m矛le. Ann an naoi ceud deug seasgad 鈥檚 a h-aon (1961), bha d矛reach dithis ann 鈥� Sage Kinvig agus Ned Maddrell. Chaochail Sage bliadhna 脿s d猫idh sin. Chaochail Ned Maddrell ann an naoi ceud deug, seachdad 鈥檚 a ceithir (1974).

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn chaidh mi a Chreneash. 鈥橲 e baile sean-fhasanta 鈥� agus br猫agha 鈥� a th鈥� ann an Creneash. Tha mullaichean tughaidh air cuid de na taighean fhathast. 鈥橲 e sin am baile anns an deach am film Waking Ned a dh猫anamh. Am faca sibh am film? Tha e gl猫 shnog. Tha iad a鈥� toirt a鈥� chreidsinn gu bheil a h-uile c脿il a鈥� tachairt ann an 脠irinn. Ach chaidh am filmeadh gu l猫ir a dh猫anamh ann an Eilean Mhanainn.

Tha e car iongantach gur e Ned an t-ainm a bh鈥� air a鈥� bhodach anns a film, oir tha ceangal l脿idir eadar an t-ainm agus Creneash. 鈥橲 e sin am baile anns an robh Ned Maddrell a鈥� fuireach. Agus roimhe sin bha Ned eile ann a bha ainmeil. B鈥� esan Edward Faragher. Bha daoine e貌lach air mar Neddy Beg Hom Ruy. Bha e na iasgair, sgr矛obhadair, sgeulaiche is b脿rd. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: Dh鈥檉h脿g m貌ran daoine Eilean Mhanainn anns an naoidheamh linn deug: many people left the Isle of Man in the 19th Century; na St脿itean Aonaichte: the United States; cuid mhath aca: a good proportion of them; toiseach an fhicheadamh linn: the start of the 20th Century; ann an grunn bhailtean: in several towns; tha t霉san Manainneach aig trithead m矛le duine: thirty thousand people have Manx roots; cha robh na h-霉ghdarrasan uabhasach taiceil: the authorities weren鈥檛 very helpful; cairteal dhen t-sluagh: a quarter of the population; c貌rr is tr矛 m矛le deug duine: more than thirty thousand people; d矛reach dithis: only two people; chaochail X bliadhna 脿s d猫idh sin: X died the following year [a year after that]; chaidh mi a Chreneash: I went to Cregneash; tha mullaichean tughaidh air cuid de na taighean: some of the houses have thatched roofs [there are thatched roofs on some of the houses]; am faca sibh am film?: have you seen [did you see] the film?; tha iad a鈥� toirt a鈥� chreidsinn gu bheil a h-uile c脿il a鈥� tachairt ann an 脠irinn: they pretend that everything happens in Ireland; chaidh am filmeadh gu l猫ir a dh猫anamh: all the filming was done; tha e car iongantach gur e Ned an t-ainm a bh鈥� air a鈥� bhodach: it is quite surprising/remarkable that the old man is called Ned; am baile anns an robh Ned Maddrell a鈥� fuireach: the village in which Ned Maddrell lived; roimhe sin bha Ned eile ann a bha ainmeil: before that there was another Ned who was famous; bha daoine e貌lach air mar Neddy Beg Hom Ruy: people knew him as Neddy Beag Thom Ruaidh; bha e na iasgair, sgr矛obhadair, sgeulaiche is b脿rd: he was a fisherman, writer, story-teller and poet.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast