03/12/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 283
Duration: 05:30
Litir 283: Dòmhnall Horne MacPhà rlain
Cha robh e furasta do bhòtairean air GĂ idhealtachd na h-Alba anns an taghadh nĂ iseanta ann an ochd ceud deug, ochdad âs a còig (1885). Bha sin gu h-Ă raidh fĂŹor ann an Earra-GhĂ idheal. Bha aig bhòtairean Ă Tiriodh ri dhol a Bhun Easain ann am Muile, dĂŹreach airson bhòtadh. Bha e a cheart cho duilich do na Collaich. Bha acasan ri dhol a Thobar Mhoire airson bhòtadh.
Ach bha e fĂŹor chudromach gun dèanadh na h-eileanaich oidhirp faighinn gu ionadan bhòtaidh. Oir, as an aonais, bha an t-eagal ann nach rachadh leis an tagraiche a bha aâ seasamh còraichean nan croitearan. Bâ esan Dòmhnall Horne MacPhĂ rlain.
Bha MacPhĂ rlain beartach, agus is math gu robh. Dhâfhastaich e bĂ ta-smĂšid, an âHebrideanâ airson bhòtairean Thiriodh is Cholla a thoirt a Mhuile. Cha robh dòigh eile ann dhaibh faighinn thar na mara, oir bha fĂŹor dhroch shĂŹde ann. Bha e doirbh gu leòr do na Tiristich eadhon le sin, oir bâ fheudar dhaibh dhol a-mach don Hebridean ann an eathar bheag.
Rinn MacPhĂ rlain aâ chĂšis anns an taghadh. Fhuair e trĂŹ mile, trĂŹ cheud, trithead âs a sia bhòtaichean, faisg air còig ceud a bharrachd nan dĂ rna tagraiche. Tuigidh sibh nach robh deamocrasaidh ceart ann aig an Ă m. Cha robh còraichean bhòtaidh aig mòran fhear aig an Ă m ud, agus cha robh còraichean bhòtaidh aig boireannach sam bith.
Nuair a chualas an naidheachd gun do bhuannaich MacPhĂ rlain, bha toileachas mòr ann. Chuir mòran teintean-aighir thuige. Thug an Hebridean an naidheachd gu ruige Tiriodh agus cha bâ fhada gus an robh sia teintean-aighir aâ dol anns an eilean. Bha an aon uiread de ghĂ irdeachas ann an Liosmòr, ann am Bailâ aâ Chaolais, ann an Inbhir Aora, ann an Tobar Mhoire, ann an Luinn â gu dearbh, ann am mòran Ă iteachan air feadh Earra-GhĂ idheal.
Bha e inntinneach gun do rinn MacPhĂ rlain cho math san taghadh, oir bha e na Chaitligeach, eu-coltach ris aâ chuid a bu mhò de na daoine a bhòt air a shon. Sheall na croitearan, anns an taghadh sin co-dhiĂš, gu robh iad aâ cur poileataics, agus taic do chroitearachd, air thoiseach air rud sam bith eile.
Cha robh clèirich nan eaglaisean Pròstanach buileach cho taiceil dha, ge-tĂ . Eadhon anns an Eaglais Bhaistich bha sgaradh bheachd ann. Ann an Ăle, bha am ministear Baisteach, Dòmhnall Ros, na aghaidh. Ach bha an t-Urramach Donnchadh MacGriogair, am ministear Baisteach ann an DĂšn Omhain, am measg an fheadhainn a bu mhò a thug taic dha. Bha MacGriogair air a bhith an sĂ s gu mòr anns an iomairt airson còraichean fearainn a thoirt do mhuinntir na GĂ idhealtachd.
Ach bha suidheachadh an riaghaltais aig Westminster gu math cugallach an dèidh an taghaidh. Bhuannaich pĂ rtaidh na h-Ăireann, fo Thèarlach StiĂšbhart Parnell, ochdad âs a sia suidheachain â a h-uile fear a bhâ ann taobh a-muigh Uladh. Thug iadsan taic do na Tòraidhean. Thug sin an aon Ă ireamh de bhuill Thaigh nan Cumantan do na Tòraidhean âs a bhâ aig na Libearalaich â trĂŹ cheud, trithead âs a còig. Fhuair na Tòraidhean, fon Mhorair Salisbury, cead riaghlaidh, ach chaill iad bhòt anns na Cumantan trĂ th sa bhliadhnâ Ăšir. Bha Gladstone an uair sin air ais mar phrĂŹomhaire.
Bha esan air a bheachd atharrachadh air fèin-riaghladh do dhâĂirinn. Bha e a-nise air a shon. Mar sin, thug na buill Ăireannach an taic dha. Ach nuair a chuir e am bile aige air adhart airson fèin-riaghladh anns an Ăgmhios, ochd ceud deug, ochdad âs a sia (1886), chaill e, oir chaidh cuid de na Libearalaich na aghaidh. Bha taghadh nĂ iseanta eile ann. Agus bha aig Dòmhnall MacPhĂ rlain ri dhol air ais gu muinntir Earra-GhĂ idheal, is an cuid bhòtaichean iarraidh a-rithist.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: bha aig X ri dhol a Bhun Easain ann am Muile: X had to go to Bunessan in Mull; a cheart cho duilich do na Collaich: just as difficult for the people of Coll; as an aonais: without them; gun dèanadh X oidhirp: that X would make an effort; nach rachadh leis an tagraiche: that the candidate wouldnât be successful; thar na mara: across the sea; eadhon le sin: even with that; bhâ fheudar dhaibh dhol a-mach: they had to go out; nuair a chualas an naidheachd: when the news was heard; chuir mòran teintean-aighir thuige: many [people] lit bonfires; bha an aon uiread de ghĂ irdeachas: there was equivalent celebration; bha e na Chaitligeach: he was a Catholic; eu-coltach ris aâ chuid a bu mhò: unlike the majority; air thoiseach air rud sam bith eile: ahead of everything else; eadhon anns an Eaglais Bhaistich bha sgaradh bheachd ann: even in the Baptist Church there was a divergence of opinion(s); a h-uile fear a bhâ ann taobh a-muigh Uladh: every one there was outside Ulster; bha e a-nise air a shon: he was now in favour of it; is an cuid bhòtaichean iarraidh a-rithist: and seek their votes again.
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.