|
 |
 |
 |
Nuair a chuir Ruairidh
am post-dealain gu Donaidh, dhiochuimhnich e an leabhar-là a chur
anns an òrdugh cheart. Leugh agus èist ri na sgrìobh
Ruairidh anns an
leabhar-là aige. An uairsin, clò-bhuail an duilleag, oir
cuidichidh i thu nas fhaide air adhart.
|
 |
 |
 |
 Tha sinn uile deiseil agus deònach
toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air an t-slighe.
Tha sinn uile toilichte.
Tha mi deiseil! Tha mo chasan goirt ach
rinn mi an gnothaich chun an deiridh.
Cha do sguir an t-uisge fad an là agus
chaidh mo bhogadh iomadach uair. Tha mi sgìth a bhith coiseachd.
B' fheà rr leam gun robh mi aig m'obair.
Bha sinn a' sreap suas beanntan ri taobh Loch Laomainn air an dara
là . Bha na seallaidhean mìorbhaileach. Bha an loch
a' coimhead gu math fiadhaich ach chunnaic mi daoine air bòrd
gaoithe.
As dèidh a bhith ri taobh Loch Laomainn an-dè, chunnaic
sinn seallaidhean a cheart cho brèagha an-diugh. Bha na h-eòin
a' ceileireadh anns na craobhan agus bha fiadh mòr air mullach
na beinne.
Seo a-nis an ceathramh là agam a' coiseachd. Chan eil cùisean
a' còrdadh rium an-diugh. Theab na meanbh-chuileagan m' ithe.
An à ite mo chuideachadh, cha robh Sìne ach a' gà ireachdainn.
|
 |
 |
|
 |
|