|
  |
 |
Ìý |
 |

 |
 |
 |
Leabhar-aithris Ruairidh
Diluain 25 Cèitean
AÂ’ curachd
Latha tioram ach fuar. Bha an t-adhar fhathast dorcha nuair a dh’fhà g
sinn an Ionad Spòrs air a’ bhus ach bha an latha air tighinn
mus do rà inig sinn an abhainn.
Lean sinn na treòraichean gu faiceallach sìos bruaichean
na h-aibhne agus chùm sinn uile faisg air a chèile. Aig
toiseach gnothaich, fhuair a h-uile duine tà ire, a’ cumail
nan curachan ann an loidhne dhìreach agus bha eagal mo bheatha
orm cus gluasad a dhèanamh. Ach ro dheireadh an latha bha sinn
aÂ’ cluich ann an linne bheag fhasgach.
Bha sinn air an abhainn aÂ’ chuid bu mhotha den latha agus chunnaic
sinn iomadh eun anns na craobhan ri bruaichean na h-aibhne. Aig deireadh
an latha, thill sinn air ais anns aÂ’ bhus, caran fliuch, acrach ach
abair fealla-dhà !
Ìý |
 |
Dimà irt 26
Cèitean
AÂ’ sreap
Latha sgòthach glas. Dh’ èirich mi aig seachd uairean
anns a’ mhadainn is thog sinn òirnn suas dhan bheinn air cùlaibh
an ostail. Bha sreapadairean eile còmhla rium.
Mu dheireadh stad sinn aig creagan cas, glas agus nuair a choimhead mi
suas bha buille chruaidh aig mo chridhe. BÂ’fheudar dhuinn obrachadh
còmhla ann am buidhnean is sinn ceangailte ri chèile. Theab
mi tuiteam uair no dhà ach chùm mi grèim bà is
air aÂ’ chreig.
Rà inig sinn mullach na creige ro à m dìnnearach agus
abair thusa sealladh brèagha shìos fodhainn. Bha an osdail
againn a’ coimhead cho beag ri taigh ‘lego’. Chuir sinn
seachad greiseag aig mullach na beinne aÂ’ togail dhealbhanan. Latha
sgoinneil eile.
Ìý |
 |
Diciadain 27 Cèitean
AÂ’ surfadh
Latha soilleir grianach. Ghabh sinn ar bracaist a-muigh.
An uairsin, shiubhail sinn anns aÂ’ bhus airson cairteal na h-uaireach
agus rà inig sinn loch far an robh sinn a’ dol a shurfadh air
bòrd-gaoithe. Bha a h-uile duine ann an deagh shunnd is tuigse
aca air na bha romhainn.
Thòisich sinn! Abair thusa spòrs - is sinn uile airson sealltainn
cho sgileil is a bha sinn. Bha mise gu math fliuch aig deireadh an latha
ach bha deagh fhealla-dhà air a bhith againn.
Ìý |
 |
Diardaoin 28 Cèitean
Aibseileadh
Latha à lainn! Dh’ èirich sinn uile trà th a-rithist
is a-mach a ghabh sinn dhan bheinn. Stad sinn airson grèim bidhe
aig mullach creagan à rd agus thòisich na stiùirichean
againn air an acfhuinn a chur ri chèile. Is mise a’ chiad
duine a chaidh a thaghadh airson a dhol thairis air bà rr na creige.
Airson mionaid sheas mi aig a’ mhullach agus grèim bà is
agam air an ròpa ach aon uair is gun do ghabh mi a’ chiad
cheum no dhà bha e dìreach sgoinneil! Fhuair sinn uile cothrom
a dhol sìos turas no dhà agus an uairsin dh’fheuch
sinn air aibseileadh sìos creagan eile. Crìoch mhath air
an t-seachdain.
Ìý |
| Ìý |
Dihaoine 29 Cèitean
Latha fuar frasach. Thill mi dhachaigh an-diugh air an trèana mhaidne.
Air an trèana smaoinich mi air na bha mi air a dhèanamh
aig an Ionad Spòrs agus air na caraidean ùra a rinn mi.
Â’S e seachdain sgoinneil a bhÂ’ann agus bu mhath leam tilleadh
an ath-bhliadhna. |
 |
 | |
|