
Sgudal! 'S e là obrach math dha-rìribh a bh' ann a bhith a' clàradh clann a' làimhseachadh laghairt aig Sutha Dhùn Èideann airson prògram do chloinn aois 7-9.
Foighidinn agus siùcairean.
Riochdaire è徱
Nuair a cho-dhùineas am 鶹 gu bheil iad ag iarraidh prògram air cuspair sònraichte, tha e an urra riumsa obrachadh a-mach dè bu chòir a dhol dhan phrògram agus dè dh'fheumas mise a chruthachadh airson a thoirt gu bith.
Airson seo a dhèanamh, feumaidh mi uaireannan sgrìobhadairean agus cleasaichean a lorg agus sgriobtan a chlàradh ann an stiùidio. Uaireannan eile, 's e preseantair agus eòlaichean air a' chuspair a tha a dhìth. Feumar rannsachadh a dhèanamh air a' chuspair mus tèid agallamh a chlàradh. Bidh mi an uairsin a' sgrìobhadh agus a' clàradh sgriobt còmhla ris a' phreseantair agus a' gearradh an stuth gus prògram a dhèanamh. Bidh mi tric a' cur ceòl no fuaimean ris a' phrògram gus am bi e inntinneach èisteachd ris.
Clàradair Nagra agus bataraidhean gu leòr.
Thòisich mi ag obair aig a' BhBC ann an Roinn an Ionnsachaidh mar Neach-cuideachaidh Rèido. Tha mi air an t-uabhas a dhèanamh o nuairsin; a' riochdachadh agus a' stiùireadh prògraman telebhisein. Tha mi an-dràsta ag obair nam Riochdaire è徱. A' dèanamh prògraman do Radio Scotland agus Radio 4.
Bha na prògraman rèidio mu Shìona dùbhlanach ach chòrd e rium gu mòr gu robh dràma air a mheasgachadh le fiosrachadh eile annta airson diofar phàirtean den sgeulachd innse. Chòrd e rium a bhith a' taghadh clann airson na prìomh caractaran a chluich (bha mi a' faireachdainn coltach ri Simon Cowell ach tha mi an dòchas gu robh mi snog). Agus bha spòrs againn a' clàradh nan dràmathan anns an stiùdio.
(g. tasglann)
鶹 © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.