02 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 16:30 BST
Aig toiseach a' Chèitean bha daoine a' coimhead air ais agus adhart, air atharrachaidhean a thà inig agus, 's dòcha, a thig air saoghal poilitigs na dÚthcha
As dèidh na stailc aig Ionad Giullachd Ola Inbhir Ghrà innse, ghabh an SNP cothrom gus beachdachadh air a' chiad bhliadhna bhon a fhuair Ailig Salmond na h-iuchraichean do Thaigh Bhòid.
Ged a bha Mgr Salmond ro thinn airson ceistean a fheagairt ann am PĂ rlamaid na h-Alba an t-seachdain seo, tha na cunntasan beachd fhathast fallain don SNP. Agus tha na LĂ baraich fhathast ga fhaighinn doirbh mar phĂ rtaidh dubhlanach.
Bho chionn bliadhna, cha b' urrainn don taghadh air a bhith na b' fhaisge. Bhuannaich na NĂ isteantaich taghadh PĂ rlamaid na h-Alba airson a' chiad uair a-riamh. Ach cha d'fhuair iad ach aon bhall-pĂ rlamaid a bharrachd air na fhuair am PĂ rtaidh LĂ barach.
Dh'fhà ilich air na còmhraidhean leis na Libearalaich Dheamocratach gus riaghaltas co-bhanntachd a stèidheachadh seach nach robh iad deònach referendum a chumail air neo-eisimeileachd.
Agus gun mhòr-chuid airson na poileasaidhean aca a chur tron phĂ rlamaid, bha amharras air cuid nach mĂ ireadh an riaghaltas Ăšr. Ach a dh'aindeoin dhuilgheadasan a thaobh tramaichean ann an DĂšn Ăideann, Ă ireamhan oifigearan poilis agus fiachan nan oileanach, tha iad ann fhathast.
Am measg nan rudan a bu chudromaiche don SNP anns a' bhliadhna a dh'fhalbh, b' e an t-aonta dhan tà ining iad leis na h-Úghdarrasan ionadail gus a' chÏs chomhairle a chumail aig an aon Ïre, agus Iain Swinney a' faighinn taic gu leòr gus am buidseat aige a chur troimhe.
Latha nan taghaidhean
Nan robh an SNP a' comharrachadh na ciad bliadhna aca ann an cumhachd, bha daoine air feadh Bhreatainn a' beachdachadh air toraidhean nan taghaidhean ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh.
Dh'fhaodadh sibh faighneachd carson a bhiodh taghaidhean ionadail mu dheas cudromach dhuinn ann an Alba.
Ach dh'fhaodadh na taghaidhean sin innse dhuinn mu dheidhinn an ath thaghaidh choitchinn nuair a bhios sinn a' taghadh riaghaltais airson na RĂŹoghachd Aonaichte air fad.
As dèidh mar a dh'aidich Gòrdan Brown gun d'rinn e mearachdan air cur às do Ïre dheich sgillin air a' chÏs chosnaidh, agus mi-thoileachas am measg chÚl-bheingearan mun Úine a tha ceadaichte airson daoine a tha fo amharas ceannairc a chumail an grèim a chur suas gu 6 seachdainnean, bhathar an dÚil gur e latha doirbh a bhiodh ann do na Là baraich.
Agus sin a thachair - an latha as duighle dhaibh ann an 40 bliadhna. Feasgar Dihaoine bha na Là baraich air an cur don treas à ite a thaobh earrann a' bhòt, air dheireadh air na Libearlaich Dheomocratach.
Chaill na LĂ baraich mu 300 comhairliche agus chaill iad cumhachd air Ăšghdarrasan ionadail fiĂš 's anns na sgĂŹrean dĂšthchail aca ann an Sasainn a Tuath agus anns a' Chuimrigh.
Bha gach sÚil air Lunnain agus toraidhean na strÏ airson Mèar a' bhaile, eadar Ken Livingstone agus Boris Johnson, a thigeadh am follais na b' anmoiche oidhche h-Aoine.
"Droch Oidhche"
Dh'aidich Gòrdan Brown gur e droch oidhche a bha ann oidhche Ardaoin don pà rtaidh aige. Gheall e gun èisteadh e ri daoine agus gum biodh e a' stiÚireadh chÚisean a-rèir sin anns an à m ri teachd.
Thuirt Daibhidh Camshron, Ceannard nan Tòraidhean, gu bheil mar a bhot daoine a' sealltainn gun robh earbsa aig a' mhòr-shluagh anns a' phà rtaidh aigesan.
Ach dh'fhaodadh cÚisean a' fàs na bu dhuilghe fhathast do Gòrdan Brown. As dèidh latha dona dhaibh anns na taghaidhean seo, tha eagal a' dol am meud a-measg chÚl-bheingearan Là barach gun cailleadh iad na seiteachan aca, mura tig adhartas air seasamh riaghaltais Mhgr Brown.
Mar sin dheth, cuiridh iadsan cuideam a bharrachd air a' PhrĂŹomhaire san Ăšine romhainn gu ruige an ath thaghaidh choitchinn.