|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äĂ ˛Ô˛ąľ±˛Ô
|
Ěý |
Ěý
An Latha Mu Dheireadh
Ěý
|
|||||||||||||||||||||
Ěý
B' e seo an lĂ mu dheireadh aig PĂ rlamaid na h-Alba mus deach na buill air saor-laithean.
Agus bha cuid a' ceasnachadh am biodh an lĂ mu dheireadh aig Wendy Alexander fad air falbh. Bha ceannard nan LĂ barach aig Holyrood air a guth a chall agus as dèidh a' chiad ceist bhuapa, thog Cathy Nic Sheumais na ceistean na h-Ă ite airson nan LĂ barach. 'S e seisean beothail a bha ann, ach 's urrainn tuigsinn gun robh inntinn Wendy Alexander an Ă ite eile. B' e an t-Ă ite sin, seòmar comataidh 6, far an do thòisich comataidh inbhean na pĂ rlamaid coinneamh aig 1f. Aig a' choinneimh sin, bha an seachdnar bhuill a' deasbud dè am peanas a chuireadh iad air Wendy mar thoradh air a' chonnspaid mu thabhartasan a ghabh i. Dh'aidich Wendy Alexander gun do bhris i na riaghailtean as dèidh nach do chlĂ r i 10 tabhartasan taobh a-staigh 30 latha, gach fear mu ÂŁ1000, son an iomairt aice airson cearnardais na buidhne . Airgead, mar a thachair, nach robh a dhìth oirre, seach nach do sheas duine sam bith na h-aghaidh. Thuirt Wendy Alexander gun do dh'iarr i comhairle mu na tabhartasan seo bho chlèirich na comataidh inbhean agus sgrìobh iad thuice ag rĂ dh nach b' fheudar dhith an clĂ radh. Ach, nuair a dh'iarr i a' chomhairle seo bha an Ăąine anns am bu chòir dhi cuid de na tabhartasan seo a chlĂ radh air a dhol seachad mar-thĂ . Chuir a' chomataidh romhpa diaciadain a dhol le beachd coimiseanear inbhean na PĂ rlamaid, An Dr Jim Dyer, gun robh Wendy Alexander air na riaghailtean a bhriseadh. Ach dh'aontaich iad fhagail gu diardaoin mus ruigeadh iad co-dhĂąnadh mun bhinn a rachadh a chur oirre. Peanasan A-measg nam peanasan a b' urrainn don chomataidh cur oirre, 'se gun deidheadh a cur Ă s a' phĂ rlamaid airson greis. As dèidh sin, dh'fheumadh a' phĂ rlamaid fhèin bhòtadh air moladh a' chomataidh. Ach nuair a thĂ inig Ă m na bhòt aig 1455 cha robh a' chomataidh deiseal moladh a thoirt seachad, agus chrìochnaich bliadhna na pĂ rlamaid gun bhòt air Wendy Alexander. Agus, mu 3f, dĂ uair as dèidh dhaibh tòisicheadh, dh'iarr a' chomataidh bĂ rrachd tì agus ceapairean. °ä´Ç-»ĺłóĂą˛Ô˛ą»ĺłó Beagan ro 4f, chaidh na camarathan a chur a-staigh gu seòmar comataidh a 6 agus, ball as deidh ball, dh'innse a' chomataidh ciamar a bhiodh iad a' bhòtadh. Bhòt 4 airson peanas a chur air Wendy Alexander an aghaidh 3 a bhòt nach bu chòir. An uairsin, bhòt an 4 bhuill a bha airson a' peanasachadh gum bu chòir casg aon latha a chur oirre - air a' chiad diciadain as dèidh dhan a' phĂ rlamaid bhòtadh air a' chĂąis. DhiĂąlt an triĂąir bhuill eile bhòtadh air seo. Mar as trice bhiodh a' phĂ rlamaid a' leantainn molaidh mar seo bho chomataidh. Ach an turas-sa chan eil e cinnteach dè bhios a' tachairt. Nam biodh buill pĂ rlamaid a bhòtadh mar bhòt na buill aca anns a' chomataidh - na NĂ iseantaich agus na Libearalaich Dheomocratach airson peanais, na LĂ baraich agus na Tòraidhean na aghaidh - bhiodh 63 bhòt air gach taobh. An uairsin bhiodh aig an dithis bhon phĂ rtaidh uaine agus ris a' bhall neo-eisimileach Margo NicDhòmhnaill a chur romhpa dè thachradh ri Wendy Alexander. 'S coltach gum bi e glè fhaisg. Ach cĂ ite a bheil seo a' fĂ gail Wendy Alexander? Ge bi dè an dòigh anns a bhios a' phĂ rlamaid a bhòtadh anns an t-Sultain, 's e droch latha dhĂ -rìribh dhi a bha seo. Feumaidh i feitheamh gu ruige an t-Sultain mus faigh i cothrom faighinn seachad air connspaid a tha air a bhith ga leantainn bhon a thòisich i na dreuchd. B' urrainn dhi fuireach anns an dreuchd sin as dèidh bhòt na h-aghaidh - ach 's e ceist eile an urrainn dhi piseach a thoirt air a h-ìomhaigh ann an sĂąilean a' mhòr-shluaigh. Ěý
|
Ěý |
AN TUILLEADH
Ěý
|
|||||||||||||||||||||
| Ěý |
|
||||||||||||||||||||||
| Ěý | |||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||